Rugadh Dòmhnall MacIllFhialain, Dòmhnall Gobha, ann am Mòrair ann an 1807. Cha robh e ach 12 bliadhna a dh'aois nuair a thà inig an teaghlach a Chanada air a' bhà ta Economy. Thachair gu robh bà rd eile air bòrd Iain MacIllEathain (Bà rd Tighearna Chola) agus e air a shlighe dhan Choille Ghruamaich. Dh'ionnsaich am balach òg òran bhuaithe agus faodaidh gur e sin a dhùisg spiorad na bà rdachd ann fhèin.
Nuair a rà inig an teaghlach Ceap Breatainn bha iad a' fuireach ann am Margaree an Siorrachd Inbhir Nis. Dh'ionnsaich Dòmhnall ceà ird na goibhneachd anns a' bhaile Fhrangach Arichat, agus dh'ionnsaich e a' chà nan Fhrangach aig an aon à m. Ghluais e an uair sin gu Srath Latharna an Siorrachd Inbhir nis. Phòs e Mà iri NicÌosaig agus bha naoinear de theaghlach aca, còignear mhac agus ceathrar nighean. Ann an 1868 ghluais iad gu Mira Mhòr, far an robh e ri bà rdachd gus an do chaochail e aig aois 83.
'S e Loch Mhira loch an à igh
An loch as à ille tha fon ghrèin,
An loch air an lìonmhor breac
Ris a' chuileig ghlas a' leum.
'S lìonmhor bradan na chuid lìon,
'S lìonmhor fiadh a' ruith ma bhruaich,
'S lìonmhor bà ta bà n fo sheòl
'S iad le spòrs a' ruith air cuan.
Rinn Dòmhnall Gobha òrain air caochladh chuspairean. Mhol e an t-uisge beatha le:
Seo an Nollaig tha sunndach, tha gach cùis mar is còir dhi,
Biadh is deoch ann am pailteas, chan eil airce no leòn oirnn;
Dh'fhalbh an dèideadh 's an cnatan, dh'fhalbh an cansair 's an lòinidh,
Le bhith 'g òl an stuth bhlasta rinn Eà irdsidh Caimbeul air eòrna.
Ach cha robh e cho measail air obair na postaireachd:
'S i ceà ird na rosaid a' phostachd
Do dhaoine bochda bhios gun tà mh rith';
Bidh iad a-muigh ris gach sìde,
'S an sluagh gan dìobradh 's gan cà ineadh;
Cha toir uisge no clach-mheallain,
Stoirm no sneachda, fois no tà mh dhaibh;
'S mur bi iad sona 's an t-sìorrachd,
'S truagh iad a thigh'nn riamh bho Àdhamh.
An dèidh fear MacFhraing a ghlacadh le na gèidsearan a' grùdadh le poit-dhubh, rinn e an t-òran Poit Dhubh MhicFhraing mar gum b' i a' phoit-dhubh fhèin a bha labhairt. Cha tachradh rud cho uabhasach anns an t-seann dùthaich, thuirt i:
Nam b' ann an tìr nan sà r-ghaisgeach,
Nan GÃ idheal ghasta bha thall,
A rinn an nì bha seo tachairt –
Mar a ghlacadh MacFhraing;
Bhiodh an gèidsear fon casan
Ged bhiodh a dhaga na là imh,
'S iad nach tilleadh le taiseachd
'S nach biodh fo chasan nan Gall.
Tha sinn gu mòr an comain Sheonaidh Ailig Mhic a' Phearsain ann an Ceap Breatainn airson an fhiosrachaidh seo.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.