Òran air a sgrìobhadh le: Eòghann MacColla (Bà rd Loch Fìne) agus air a sheinn le: Art MacCarmaig, Calum MacArtair agus Eà irdsidh Mac an t-Sagairt.
This is a song written by: Eòghann MacColla (Bà rd Loch Fìne) and sung by: Art MacCarmaig, Calum MacArtair and Eà irdsidh Mac an t-Sagairt.
O chan e fuaim na gaoithe an raoir chum an cadal uam
Droch phrìs air crodh no caoraich, no idir beud bho ghadaichean;
'S e mhill mo thà mh, 's bu leòr siud, mo rùn geal òg bhi fada nis
Bhon ghleann san tric gun èireadh ar grà dh d'a chèile dh'aidich sinn.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Seinn cliù na h-ainnir bhòidhich ud, Ròsan an leth-bhaile
A' chaileag laghach mhòdhar ud, Ròsan an leth-bhaile;
'S math bhuineadh dha bhi sòlasach, òranach, coileireach
Fear gheibheadh gealla-pòsaidh bho Ròsan an leth-bhaile.
'S math dh'fhaodas muinntir Chòmhaill bhi mòr-chuiseach ma m' leannan-sa
'S gach filidh a nì òran bhi seinn m'a dòighean banalta;
Nuair bha i bhos an taobh seo, 's gann fhuair mi fèin aon sealladh dhith;
Nuair thà inig orm a gaol ceart mar thig air craobh an dealanach.
Gum molainn do gach òigear a gheibh bhith còir na finne ud
Bhith seachnach air a mìog-shùil mar math leis crì-leon tinneasach,
Mur siud 's an t-òr-fhalt deà rsach is tric a' snà mh m' a slinneinibh
Mur bhoillsgeadh gealaich là n oidhche shà mhach air linne mach.
Chan iongantach mo luaidh-sa bhith suairce deas, cinneadail,
Chan ann an coill' a' chrìonaich tha 'm freumh on do ghineadh i
Tha ghèig de stoc is aìrde, 's tha bhlà th sud air mar chinnich i
'S ged tha i fathast uaine, tha buain air aire iomadh fear.
B' e fèin, 's mo rùn air là imh aige, 'm fear gun ghràs gun duinealas,
Nach aidicheadh gum b'fhaoin leis na h-Ã ite maoin na cruinne seo;
Ged b' ann am bothan-à irigh bu leamsa grà dh na cruinneig ud
Cha mhinig talla rìoghail sam faighte 's aoidh a bhuineadh dhomh.
'S truagh gun bhith 'n-diugh le m' annsachd san t-seann dòigh ghasta bhòidheach ud
Cur seachad tìm an t-Samhraidh an Còmh'l nan gleannta seòbhragach
Measg pailteas gruth is uachdar, ceol chuach is caidreabh neò-chiontach
Gun caitheamaid ar 'n ùine cho sunndach ris na smeòraichean.
Seinn cliù na h-ainnir bhòidhich ud, Ròsan an leth-bhaile
A' chaileag laghach mhòdhar ud, Ròsan an leth-bhaile;
B' e latha 'n t-sonais dhòmhsa an là sin a bheireadh dhuinn,
Air ais gu tìr na h-òige Ròs bhòidheach an Leth-bhaile.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha bà rdachd agus òrain le Eòghann Mac Colla ri fhaotainn ann an dà chruinneachadh: Clà rsach nam Beann - Poems and Songs in Gaelic agus The Mountain Minstrel - Poems and Songs in English.
Rugadh Calum MacArtair ann a' Steòrnabhagh air 15 Mà rt 1940. B' e cà raid a bh' ann fhèin is a bhrà thair Coinneach. Bha an athair bhon ...
Fiosrachadh air Calum MacArtair / Learn more about Calum MacArtair
Rugadh Eà irdsidh Mac an t-Sagairt ann an Glaschu air 24 Ògmhios, 1931. Bha a phà rantan le chèile à Ìle, athair, Eà irdsidh, à Bogha Mòr agus ...
Fiosrachadh air EÃ irdsidh Mac an t-Sagairt / Learn more about EÃ irdsidh Mac an t-Sagairt
Rugadh agus thogadh Art anns an Eilean Sgitheanach far a bheil e fhathast a' fuireach, ann am Port Rìgh, còmhla ri a bhean, Shona, agus ...
Fiosrachadh air Art MacCarmaig / Learn more about Art MacCarmaigCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.