
Rugadh Eà irdsidh Mac an t-Sagairt ann an Glaschu air 24 Ògmhios, 1931. Bha a phà rantan le chèile à Ìle, athair, Eà irdsidh, à Bogha Mòr agus a mhà thair Mà iri MacDuffie, à Bruach a' Chladaich.
Chaidh e do Bhun-sgoil Chamden air taobh a deas Ghlaschu ach, nuair a thòisich an cogadh, ghluais e fhèin agus a bhrà thair, Islay, do dh'Ìle far an deach iad do Bhun-sgoil a' Ghortain ann am Bruach a' Chladaich, agus an dèidh sin do Sgoil Bhogha Mòr. Nuair a chaidh an t-sìth a ghairm thill na balaich a Ghlaschu agus chuir Eà irdsidh seachad na bliadhnaichean mu dheireadh de sgoilearachd ann an Strathbungo.
Bha ùidh mhòr aige ann am pìobaireachd, sgil a dh'ionnsaich e nuair a bha e anns an sgoil ann an Ìle agus chùm e ris fad a bheatha. Bha e na bhall de Chòmhlan Phìoba Comunn Clann MhicRath nuair a choisinn iad a' chiad à ite ann an Co-fharpais na Cruinne ann an 1953.
Bha e cuideachd na bhall agus mu dheireadh na Mhà idsear Pìoba aig Pìobairean a' Chomuinn Ìlich. Bha e a' teagaisg Còmhlan Phìobairean Bhoireannach Chaledonia agus bha e na Mhà idsear Pìoba aig Còmhlan Smà ladairean Shrath Chluaidh. An dèidh a dhreuchd a leigeil dheth, bha e na bhall agus na rùnaire aig Còmhlan Phìobairean Chinn Rois.
An dèidh an sgoil fhà gail thug Eà irdsidh a-mach a chiùird mar shaor. An dèidh Seirbheis Nà iseanta a dhèanamh, thill Eardsaidh gu saoirsneachd agus bha e ag obair aig Urras Chluaidh.
Mun à m seo cuideachd chaidh e na bhall de Chòisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu agus ann an 1958 phòs e Mà iri NicCholla. Bha Mà iri na ball den chòisir agus, ged a rugadh i ann an Glaschu, bhuineadh a mà thair do dh'Èisdeal ann am Muile agus bha a h-athair à Maybole ann an Siorrach Àir. Bha dithis chlonne aca, Catrìona agus Niall.
Choisinn Eà irdsidh Bonn Òr a' Chomuinn Ghà idhealaich aig a' Mhòd Naiseanta ann an Inbhir Nis, ann an 1966, agus bha e trang mar sheinneadair bhon uair sin. Bha e soirbheachail cuideachd ann am farpaisean cheathrar agus farpaisean seinn cà raid aig a' Mhòd.
Bha e gu bitheanta a' seinn còmhla ri dheagh nà baidh, Camshron MacFhitheachan. Rinn iad clà ir còmhla agus nochd CD bhuapa dà bhliadhna mus do chaochail Eà irdsidh.
Bha e na bhall den chòmhlan Na h-Innes Gaels còmhla ri Calum Camshron agus Louis Stiùbhart agus bha iad air an cluinntinn gu tric air rèidio agus rim faicinn air an telebhisean air 'S e Ur Beatha.
Ann an 1969 chuir Eà irdsidh cùl ris an t-saorsainneachd agus chaidh e na mhanaidsear air Aitreabh nan Gà idheal, air Srà id Berkeley ann an Glaschu. Bha e anns an obair sin airson sia bliadhna gus an deach e na cheannard air Club Golf Phollok. Bha spèis mhòr aig na buill dha ged nach robh miann sam bith aige air a' ghèam air an robh iadsan cho dèidheil.
Leig e dheth a dhreuchd ann an 1996 agus chaidh e air ais na bhall de Chòisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu. B' e iar cheann-suidhe a' chòisir agus bha e a' seinn còmhla riutha, mar a bha Mà iri, nuair a choisinn iad prìomh dhuais a' Mhòid, Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thulaich Bhà rdainn, ann an 1997 agus a-rithist ann an 2001.
Ann an 1996 chaidh iad a dh'fhuireach a Cheann Rois agus 's ann an sin a chaochail EÃ irdsidh air 18 Ã’gmhios, 2003.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.