Òran air a sgrìobhadh le: blà r dùghlas agus air a sheinn le: Art MacCarmaig agus Mà iri Anna NicUalraig.
This is a song written by: blà r dùghlas and sung by: Art MacCarmaig and Mà iri Anna NicUalraig.
Tha do shùilean a' tà ladh mar fhà il òir
Cho soilleir, cho sìtheil, cho prìseil thar glòir
'S do bhòidhchead gun choimeas mar eal' air a' chuan
O Mhà iri Eilidh, 's tu mo rùn.
'S bi gillean a' bhaile a rà dh, "Tha thu faoin
chan eil i ach mar nathair a mealladh gun smaoin"
Ach tha mo dhìlseachd cho domhain gun ghrunnd
Gun fhois, gun iomall, gun chadal, 's gun sunnd.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
'S g' e daor do phògan 's cruaidh do chridh'
'S g' e daor do bhòidean briathran gun bhrìgh
Latha 's a dh'oidhche tha m' anam gun sìth
'S g' e daor do phògan leanaidh mi.
On a chunnaic mi do mhaise tha m' aigne gun tà mh
Long mo thuigse gun shéol 's gun rà mh
'S ged tha mi a' tagradh cha ghabh thusa ùidh
O Mhà iri Eilidh, eil mi ruith na gaoith?

Rugadh agus thogadh Art anns an Eilean Sgitheanach far a bheil e fhathast a' fuireach, ann am Port Rìgh, còmhla ri a bhean, Shona, agus ...
Fiosrachadh air Art MacCarmaig / Learn more about Art MacCarmaig
Rugadh agus thogadh Mà iri Anna NicUalraig ann an Glaschu. Bha a h-athair à Tiriodh agus tha a mà thair, Ceana Chaimbeul, ainmeil mar sheinneadair agus mar ...
Fiosrachadh air Mà iri Anna NicUalraig / Learn more about Mà iri Anna NicUalraigCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.