Òran air a sgrìobhadh le: Catrìona NicDhòmhnaill agus air a sheinn le: Catrìona NicDhòmhnaill.
This is a song written by: Catrìona NicDhòmhnaill and sung by: Catrìona NicDhòmhnaill.
'S ann leam bu mhiann a dhol dhachaigh null thairis gu glòir
Far am faic mi mo Shlà naigheir bha gam shireadh glè òg;
Dhan tug mi mo chridhe nuair thuig mi mo chall
'S a ghabh rium cho toileach 's gun dòchas idir dhomh ann.
Tha mi sgìth den an t-saoghal 's gach cath air gach lÃ
Ged a tha fios a'm gu feum mi bhith sàs ann gun tà mh;
'S ann tha m' fharmad 's mo thogradh ris a' mheud 's a fhuair suas
Gun osna, gun tinneas, no sgìths riutha fuaight'.
Dè tha sa bhàs ach aiseag, turas goirid à tìm
Air bonn ann an glòir 's gu sìorraidh cha till;
Do roinne saoghalt' air dìochuimhn', ar spiorad aig fois
Cha tèid ar grian tuilleadh fodha, 's cha tèid ar coinnlear chuir à s.
Cò thuigeas an t-aoibhneas tha romhainn an glòir
Air roinnean gach eagal bhon fhads bha sinn beò;
Uan Dhè gar treòrach gu do thobraichean uisg'
A' siabadh ar deòir uainn 's a' tiormach ar ruisg.
Ar grian gun dol fodha a' là no dh'oidhch'
Cha loisg i aon neach dhinn, 's th' ann tha leigheas na boillsg'
Ar n-aodach cho fìor-ghlan gun feum glanadh gu brà th
Pailm buaidh nar là mhan 's ainglean naomh leinn a' tà mh.
Gach srà id ann a' deà rrsadh, mar òr buidhe là n luath
Anns a' mheadhan rìgh-chathair, gu h-à rd togte suas;
Dia sìorraidh na shuidh' oirr', 's ag amharc le tlachd
Air an teaghlach a chruinnicheadh le piantan le là mh.
Ainglean 'g itealaich timcheall, a' dèanamh a thoil
Nuair tha anam dol dhachaigh tha iadsan nam boil;
An gà irdeachas briseadh a-mach ann an ceòl
Oir b' aithne dhaibh Crìosda mun do dh'fhà g e a ghlòir.
Cha tuig iadsan gu sìorraidh nì a dh'fhiosraich a shluagh
Bha iadsan riamh naomh is cha d' bhuin riutha truaigh';
Cha robh feum ac' air Slà naigheir, no òran binn ùr
Bha 'd riamh anns na Flaitheas mar ainglean na cùirt.
'S ma gheibh mise ann oisean aig deireadh mo lÃ
Bidh mi taingeil is toilicht' air cùlaibh a' bhòid;
Gheibh mi nì nach do thoill mi 's nach do choisinn mi riamh
'S gheibh mi aoibhneas do-labhairt anns a' là nachd tha nìos.

Rugadh Catrìona NicDhòmhnaill san Dìg, an Stafainn san Eilean Sgitheanach, air 3 Dùbhlachd, 1925. B' i bu shine san teaghlach aig Murchadh MacLeòid, Murchadh Theà rlaich, ...
Fiosrachadh air Catrìona NicDhòmhnaill / Learn more about Catrìona NicDhòmhnaillCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.