
Rugadh Catrìona NicDhòmhnaill san Dìg, an Stafainn san Eilean Sgitheanach, air 3 Dùbhlachd, 1925. B' i bu shine san teaghlach aig Murchadh MacLeòid, Murchadh Theà rlaich, agus a bhean Mòr NicFhionghain, iad le chèile às an Dìg. Bha aon phiuthar aice, Anna, agus triùir bhrà ithrean, Dòmhnall, Teà rlach Iain agus Murchadh a chaochail na leanabh.
Chaidh i don sgoil as an Dìg agus, nuair a dh'fhà g i aig aois 14, b' e a' chiad obair a bh' aice coimhead às dèidh cailleach ann an Cinnseaborg. Thug i greis cuideachd ag obair anns an Taigh Sheinnse, mar a bha air an taigh as an robh Oifig a' Phuist an Stafainn, nuair a bha am boireannach a b' à bhaist a bhith ann tinn airson ùine.
An uair sin chaidh i a dh'Inbhir Nis far an do chòrd e gu mòr rithe a bhith ag obair a' coimhead às dèidh seann daoine, anns a' Mayfield Home of Rest. An dèidh sin chaidh Catrìona a dh'obair ann an Oifig Puist a bha aig piuthar a mà thar ann an Eilean Arainn. Nuair a chaochail a h-athair thug i mu bhliadhna aig an taigh còmhla ri a mà thar.
Dh'fhalbh i an uair sin a Ghlaschu, gu bhith na banaltram ann an Ospadal Stobhill, obair a thug mòran tlachd dhi. B' ann an Glaschu, ann an 1948, a phòs i Dòmhnall Dòmhnallach, Dòmhnall nan Crannag às a' Ghlas Bheinn ann a' Stafainn. Thill iad air ais don Eilean Sgitheanach agus thog iad ceathrar de theaghlach anns a' Ghlas Bheinn - Chris Ann, Dòmhnall, Mòrag agus Murdella.
A' bruidhinn ri Angela NicFhionghain aig Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal dh'innis Catrìona mar a thòisich i air dà in a dhèanamh an toiseach:
"'S ann an trì fichead 's a h-aon deug a sgrìobh mi a' chiad laoidh, à m na Nollaig. Bha mi nam shuidhe ri taobh an teine oidhche, 's mi ag èisteachd seinneadair ainmeil a' seinn laoidh a chaidh eadar-theangachadh dhan chloinn. 'S nuair a bha e ullamh thuirt mi, "O well, dhèanadh tu fhèin na b' fheà rr na siud!" Agus dìreach thà inig rud gam ionnsaigh ag rà dh "An dèan thu fhèin e?" agus dh'èirich mi is sgrìobh mi a' chiad tè, do chloinn."
Glòir do Dhia 's na h-à rdaibh
Is air an talamh sìth;
Glòir do Dhia 's na h-à rdaibh
Deagh ghean do dhaoin';
Glòir do Dhia 's na h-à rdaibh
Siud thuirt ainglean Dhè;
Glòir do Dhia, rugadh Ìos'
Ann a' stà ball Bhetlèhem.
Tha Catrìona soilleir gur e gibht a tha anns an tà lant a tha aice:
"Chan e sgoilearachd, 's chan e cà il sònraichte a bh' annam-s' idir, idir. 'S e gibht a bh' ann agus mar bu trice thigeadh rudeigin gam ionnsaigh.
'S tha e doirbh a rà dh ciamar a bha e tighinn gam ionnsaigh. Ceart gu leòr, ann a' searmon uaireannan thigeadh am ministear a-mach le rud a bha dhòmhsa mar gum biodh rann. Cha bhiodh e fhèin, tha mi creidsinn, a' smaoineachadh sin idir, ach bha cuimhne mhath agam an uair sin, 's chumainn cuimhne air, 's sgrìobhainn e nuair a ruiginn dhachaigh. 'S dh'obraichinn air sin an uair sin."
Ach chan eil an sgrìobhadh cho furasta aig amannan:
"'S iomadh uair a thòisichinn air rud. 'S dòcha gu faighinn dà rann, no a' dèanamh dà rann no trì, 's an uair sin bha e mar gum biodh tobar a' tiormachadh, dìreach mar gum biodh an t-uisge a' dol dheth.
'S bha e cheart cho math dhomh fhà gail. Cha dhèanainn cà il dheth agus nuair a thillinn air ais ga ionnsaigh gheibhinn e.
Ach cha robh mi uair sam bith a' tòiseachadh air suidhe sìos a' feuchainn ri smaoineachadh mi fhìn air rud a dhèanamh gun rudeigin air a chùl, gun loidhne na dhà fhaighinn, no rudeigin a thogail ann an searmon. Cha robh mi uair sam bith a' tòiseachadh, 'O suidhidh mi 's feuchaidh mi ri bà rdachd a dhèanamh.' Cha robh mi dèanamh sin idir, idir."
Bha greis mhath ann mus robh fios aig duine gu robh Catrìona a' sgrìobhadh:
"A' chiad tè a chaidh a chlà radh, 's ann ann a' Record na h-Eaglais a bha i, 's chan eil fhios agamsa fhathast cò a chuir ann i. 'S chan eil fhios agam, abair bith cò a chuir ann i, ciamar a fhuair iad i."
Tha dachaigh Chatrìona sa Ghlais Bheinn a' coimhead tarsainn air Geà rrloch:
"Tha sealladh brèagha ann, gu h-à raidh nuair a tha latha math ann agus tu a' coimhead a-null gu Geà rrloch. Tha e brèagha dha-rìribh.
Ach an uair sin faodaidh an cuan a bhith gu math fiadhaich agus tha cuid is toigh leotha sin. Ach 's fheà rr leamsa e nuair a tha e ciùin, brèagha.
Rinn mi aon laoidh a' coimhead a-null tarsainn gu Geà rrloch.
An cuan, bha mi a' coimhead air, agus bha beagan ceò ann 's chan fhaicinn Geà rrloch idir ach bha fios agam gu robh e ann. 'S bha mi 'g rà dh rium fhìn, 'Well, sin mar a tha sinn a thaobh na tha air thoiseach oirnn. Tha fhios againn gu bheil e ann ach chan eil sinn ga fhaicinn, ach tha sinn a' creidsinn g' eil e ann.'"
Tha 'n cuan mun cuairt oirnn cho farsaing, dorcha,
Le doimhneachd mhòr ach tha grunn ri lorg ann;
Tha cuan a ghrà idh-san gun ghrunn, gun trà ghadh,
Tha meudachd buan ann, 's bi a shluagh a' snà mh ann.
Tha Catrìona air mu cheud laoidh a dhèanamh, a' mhòr-chuid ann an Gà idhlig, air cuspairean eadar-dhealaichte, ged tha prìomh chuspairean aice mar a mhìnich i fhèin:
"Ionndrainn, tha sin a' togail tòrr smuaintean agus gu h-à raidh dè a tha air thoiseach oirnn. 'S toigh leam a bhith a' sgrìobhadh mu dheidhinn sin, mas urrainn dhomh, agus trioblaidean an t-saoghail, 's mar tha feadhainn a' faighinn barrachd trioblaid na feadhainn eile, 's mar a dh'fhaodadh sin ar stiùireadh gu nithean nas aìrde.
Bidh e a' cur iongnadh orm nach eil sin a' gluasad daoine gu bhith ag ullachadh airson sìorraidheachd mhòr."
Tha seinn nan laoidhean cudromach do Chatrìona:
"Feumaidh mi an seinn mas toir mi an aire do mhearachd sam bith annta. Faodaidh mi a leughadh 's a leughadh, ach chan eil a' mhearachd a' seasamh a-mach gus a seinn mi iad. 'S chì mi an uair sin, 'O tha siud ceà rr! Chan eil siud ceart!'
Tha fuinn leithid Abba agus Harmony, a chruthaich Catrìona airson sailm, gan cleachdadh san eaglais. Rinn i Harmony greis an dèidh dha a brà thair caochladh agus dh'fhaighnich i dhan teaghlach aige dè bheireadh i air an fhonn ùr. Bha bà ta aige air an robh Harmony agus sin an t-ainm a roghnaich iad.
B' e Abba a' chiad fhonn a chruthaich i, agus chuir e iongnadh oirre fhèin co às a thà inig e:
"Cha robh mi a' tuigsinn dè am fonn a bh' ann idir, 's bhithinn a' dol mun cuairt na mo cheann 's cha robh mi a' tuigsinn idir dè am fonn a bh' ann.
An uair sin thuig mi gur e fonn a bha mi fhìn air fhaighinn a bh' ann, 's tha i gu math measail, cha chreid mi. Tha na h-uibhir eile agam ach chan urrainn dhomhsa idir ceòl a sgrìobhadh no a leughadh.
Ach bha caraid math agam, chan eil e beò an-diugh, 's bhithinn-sa a' seinn an fhonn dha, 's bha esan a' cur na notes orra."
Tha Catrìona air dà in Bheurla a dhèanamh, ach chan eil i 's dòcha cho riaraichte leotha agus a tha i leis an fheadhainn Ghà idhlig:
"Tha mi a' faighinn barrachd toileachas bho bhith sgrìobhadh sa Ghà idhlig. Chan eil mi a' smaoineachadh sa Bheurla, 's cha mhotha bha mi a' leughadh a' Bhìobaill Bheurla agam mar a bha mi a' leughadh a' Bhìoball Gà idhlig."
Tha Catrìona a' faighinn toileachas bho bhith a' cluinntinn rud a chruthaich i fhèin air a chleachdadh ann an adhradh:
"Bidh e a' cur taingealachd na mo chridhe nuair a chluinneas mi iad a' seinn Abba is Harmony."
Agus a thaobh nan laoidhean:
"Bidh mi ag ùrnaigh gum biodh iad a' misneachadh seann daoine, gu bheil iad a' toirt toileachadh do seann daoine, 's bidh mi ag ùrnaigh gum biodh an òigridh ga leughadh 's gun dèan iad feum dhiubh. Chan eil fhios agam am bi, ach 's e sin mo mhiann."
Tha dà leabhar de na laoidhean aig Catrìona an clò. Dh'fhoillsich a' Stornoway Religious Bookshop Sgeul na Rèite ann an 1981 agus Bannan Grà idh ann an 1987.
Tha i cuideachd ri cluinntinn bho à m gu à m air Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal le Smuain na Maidne.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.