Òran air a sgrìobhadh le: Calum MacGillìosa agus air a sheinn le: Mà iri Sìne Chaimbeul (NicAoidh).
This is a song written by: Calum MacGillìosa and sung by: Mà iri Sìne Chaimbeul (NicAoidh).
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Hill ù rò 's na hill ù ò
Hill ù rò 's na hill ù ò
Hill ù rò 's na hill ù ò
'S i mo dhùthaich a dh'fhà g mi.
On a tha mi fo smuairean
Gun charaid mun cuairt domh,
'S fheudar fiachainn ri duanag
A chur suas air an à it' seo.
Ged tha 'n acarsaid ciùin leam,
'S a cuid shoithichean 's siùil riuth',
'S iomadh nì tha mi 'g ionndrainn
Ris an tionndadh mo nà dar'.
Ann an comann cha chluinn mi
Ã’°ù²¹¾±²Ô bhlast' agus fuinn orr';
'S ged tric a' dol cruinn iad,
Cha bhruidhnear a' Ghà idhlig.
Ach Fraingis nach b' eòl dhomh,
'S nuair a labhras iad còmhla,
Cha tuig ach fear eòlach
Gur a còmhradh th' aig pà irt dhiubh.
Chan eil mòran gu m' mhiann ann,
Chan 'eil seòrsa de dh' eun ann,
Ach faoileagan fiadhaich
Bhios a' sgiathadh thar sà ile.
Ann am madainn ghil, shamhraidh
Cha chluinn mi guth smeòraich,
No lòn dubh air bà rr mheòirean
Toirt ciùil dhuinn mar b' à bhaist.
Coille charraigeach, gun chroinn innt',
Agus roinn bhà rr a buinn dhi;
Craobh bheithe, no uinnsinn,
Cha chuimhneach leam fàs ann.
Chan eil measan air mheòirean,
No cnothan air calltainn
Mar bu lìonmhor 's na beanntan
Air am b' eòlach a bha mi.
Nuair a choinnicheas rium gruagach,
'S a labhras mi sùgrach,
'S ann a fhreagras i mùgach,
"Bon jour," no "Belle soiree".
Ged tha 'n acarsaid brèagha
Gur e dh' fhà gadh gu m' mhiann i
Bhith staigh air a fiaradh
Gu crìochan a' Bhrà ighe.
Nuair bhiodh trioblaid air m'inntinn,
Gur e bheireadh dhomh faighinn
Dol a Bhrà ighe na h-Aibhne,
'S fuireach oidhche no dhà ann.
Far am faighte na fiùrain
A bhiodh aighearach, ionnsaicht',
Treun, fuasgailteach, cliùiteach,
Fearail, flùghantach, fà ilteach.
Nuair a choinnicheas rium gruagach,
'S a labhras mi sùgrach,
'S ann a fhreagras i mùgach,
"Bon jour," no "Belle soiree".
Far an lìonmhor tha gruagaichean
Sìobhalta, suairce,
Cuimir, finealt', neo-ghruamach,
Glan, cuaileanach, bà idheil.
Far an tugadh na h-ùbhlan
Air na craobhan bhith lùbadh,
'S far am fà sadh gach flùran
Bu chùbhraidh an gà rrradh.
Gu bheil iomhaigh glè uaine
Air na pà ircean mu 'n cuairt ann,
Far an cuirear sìol buadhmhor,
'S far am buainear buntà ta.
Nuair a chruinnicheas an òigridh
Far an d' à raicheadh òg mi,
Cuirear fidheall an òrdugh,
'S togar bròn gu ceòl gà ire.
Dh' èireadh m' intinn gu sòlas,
Rachadh mì-ghean air fògradh
Nuair a chruinnicheadh an còmhlan
A sheinn òranan Gà idhlig.
Soraidh bhuamsa le suairceas
Don tìr sin, 's don t-sluagh sin,
'S e bhith fad' bhuap' san uair seo
Fo smuairean a dh' fhà g mi.
Rugadh agus thogadh Mà iri Sìne Chaimbeul (NicAoidh) an 1949 anns a' Phloc, baile a bha agus a tha fhathast gu math là idir a thaobh seinn ...
Fiosrachadh air Mà iri Sìne Chaimbeul (NicAoidh) / Learn more about Mà iri Sìne Chaimbeul (NicAoidh)Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.