Rugadh agus thogadh Mà iri Sìne Chaimbeul (NicAoidh) an 1949 anns a' Phloc, baile a bha agus a tha fhathast gu math là idir a thaobh seinn is ceòl beò. Bha e na chleachdadh aig daoine nuair a bhiodh iad a' cruinneachadh anns na taighean a bhith a' seinn - an dà chuid òrain Ghà idhlig agus òrain Bheurla - Albannach is Èireannach is Ameireaganach, gun luaidh air 'Jerusalem' le Willie Ross!
Bhiodh a h-athair agus a mà thar a' seinn, agus chanadh gu leòr den t-seann fheadhainn sa bhaile gu robh Mà iri Sìne 's a piuthar, Catherine, glè mhath, ach nach robh iad idir cho math rim mà thair. Bhiodh cuideachd seinneadairean gu math ainmeil a' tadhal air an à ite, leithid Coinneach MacRath agus Seumas Caimbeul.
Nuair a dh'fhà g i Àrd-sgoil a' Phluic, chaidh Mà iri Sìne a dh'Oilthigh Obar Dheathain, far do rinn i ceum le Urram ann an Ceiltis.
Às dèidh sin, chaidh i a dh'fhuireach ann an Lunnainn airson beagan bhliadhnaichean, mus do roghnaich i tilleadh a dh'Alba gus teagaisg a dhèanamh.
Chuir i seachad dà bhliadhna ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh mus deach i gu Fir Chlis, an companaidh theatre ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ.
Ann an 1979, phòs i Tormod Caimbeul, Tormod a' Bhocsair à Nis, Leòdhas, agus chaidh i a dh'fhuireach ann an Dail bho Dheas. Tha triùir chloinne aca agus tha e toirt toileachas mòr dhi gu bheil an ceòl air leantainn annta uile.
Ann an 1992, thill i dhan Phloc agus fhuair i obair ann an Sabhal Mòr Ostaig far a bheil i fhathast, a' chuid as motha dhen obair aice a' buntainn ri beul-aithris, seann sgeulachdan is òrain.
Tha ùidh mhòr aice anns na h-òrain a bhuineas dhan sgìre aice fhèin, ach fèir mar a bha muinntir a' bhaile na h-òige, tha i toilichte òran sam bith a sheinn cho fad 's a tha rudeigin ann a tha fìrinneach is tarraingeach. Tha i air a bhith an sàs ann an iomadh seòrsa seinn eadar òrain Ghà idhlig is The Big Field Blues Band is Jazz. Bhuannaich i am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig Mòd an Òbain ann an 1992, agus rinn i CD mu dheireadh thall bho chionn dà bhliadhna - Thall an Loch Aillse.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.