Òran air a sgrìobhadh le: Calum Mac an Tòisich agus air a sheinn le: Derek Mac an Tòisich.
This is a song written by: Calum Mac an Tòisich and sung by: Derek Mac an Tòisich.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain
'S fhada bhuamsa mo dhachaigh
'S tric mo smuain-sa 's i ruith bhuam
A dh'Uibhist a Tuath gu mo dhachaigh.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.
Tha mi 'n seo air cost na Fraing'
'S beag na th' ann dhuinn ri tilleadh,
'S mòr a th' air tuiteam dhuibh mu thrà th
Nach tog là mh, no sùil cha phriob iad.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.
Chan eil fasgadh 'n seo neo dìon
Cladhach thuill sìos fon talamh
Shells a' spealtadh oirnn mun cuairt
Gun bhuaidh bidh m' uaigh-sa 'n seo ro mhadainn.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.
Na mo smuain-sa tha 'n ciad-là mh
'S air cainnt a bheòil 's a shùil a' sileadh
"Tha Dover air a dhol an ceò
'S cha bhi mi beò gus fhaicinn tuilleadh."
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.
Cluinn an sin an còmhradh thall
Mar bha 'n dà n dha sa mhanadh:
Mu robh 'n oidhche sin ach òg
Fhuil is fheòil cha robh cuideachd.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.
B' e mo mhiann-sa bhith 'n-drà st'
Dèanamh tà mh fo Chnoc a' Bharraich
Cluinntinn fuaim tighinn far Trà igh Stìr
Na cheòl binn nam sheòmar-cadail.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.
Dh'èirinn 'n sin à leabaidh bhlà th
'S chuirinn fà ilt' air grian na maidne
Nam mhiann-sa cuairt chuir air an Àird
'S air grìoban à rda do Ghob Fada.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.
Chromainn sìos air an Trà igh Mhòir
'S dhan Chròic Bhig 's Polung cha mheallain
Gu Caolas Bhaighleis dhan Trà igh Iar
'S dhìrinn siaban crìochan Sholais.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.
Ann an cogadh chan iarrainn là mh
Air sgà th rèit gur là n mo dhaga,
Gus, nuair a nochdas rinn an nà mh,
An sin gun dà il gun cuir sinn stad air.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.
Co-dhùnaidh mi a-nis mo dhà n
'S biodh sìth a' tà mh gu brà th an Uibhist
'S na gillean dh'fhà g i thoirt à sà s
'S gu math slà n a nì iad ruighinn.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.

B' e brà thair seanair do Derek Mac an Tòisich a bh' ann an Calum Mac an Tòisich, Calum Dhòmhnaill Ruaidh a' ...
Fiosrachadh air Derek Mac an Tòisich / Learn more about Derek Mac an TòisichÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.