
B' e brà thair do sheanair Derek Mac an Tòisich a bh' ann an Calum Mac an Tòisich, Calum Dhòmhnaill Ruaidh a' Bharraich.
Is ann an sgìre Sholais an Uibhist a Tuath a bha Derek Mac an Tòisich na bhalach. Na òige sheall e ùidh ann a' ruith agus drà ma. Bhiodh e ruith gach seachdain mar phà irt de chlub lùth-chleasachd Uibhist a Tuath agus bha e soirbheachail aig Geamaichean Uibhist agus farpaisean air tìr-mòr.
Aig aois 16 fhuair e prìomh phà irt anns an drà ma telebhisean Balaich Rònaigh. Aig aois 17 sheinn e òran le bà rd eile à Uibhist a Tuath, Calum Camshron, an t-òran Gillean Uibhist. Fhuair e a' chiad duais airson balaich aois 16-18 aig a' Mhòd Nà iseanta Rìoghail ga ghabhail.
Chaidh e gu colaiste Sabhal Mòr Ostaig à s dèidh dha an sgoil fhà gail aig aois 18 far an do chuir e eòlas air na meadhanan. Fhad 's a bha e sia mìosan còmhla ri Telebhisean na h-Alba a' trèanadh, phreseant e 30 prògram airson clann fo aois sgoile, Na Bonnachain. Tha a ghuth air a bhith air ioma cartùn chloinne airson Âé¶¹Éç ALBA. Tha e a-nist air a bhith a' fuireach ann an Glaschu fad ceithir bliadhna, far a bheil e fhathast an sà s ann am prògraman chloinne aig a' BhBC.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.