Òran air a sgrìobhadh le: bean chaluim bhà in (No a Phiuthar) agus air a sheinn le: Donalda NicIllEathain.
This is a song written by: bean chaluim bhà in (No a Phiuthar) and sung by: Donalda NicIllEathain.
Hè horaibh ì, hoirinn hoirinn
Hè horaibh ì, hoirinn à il
Hè horaibh ì, och is èileadh
Leamsa b' èibhinn fhaicinn slà n.
Chuir iad thu air tìr an Èirinn
B' aotram bha do cheum air srà id;
Chuir iad umad deise an t-saighdear
Bu tu an diaman am measg chà ich.
O gur mise tha gu cianail
'S mi ri faicinn feur a' fà s,
'S e ri falach orm do lorgan
'S mi gu sgealbadh leis a' ghrà dh.
Nuair a thèid mi dhan a' mhòine
Bidh na deòir a' ruith gu là r;
Ach ged a lìonadh iad mo bhrògan
Cha leig mi mo bhròn ri cà ch.
Ged a thigeadh triùir san oidhche
'S mi nach tugadh dhaibh mo là mh;
'S mi nach tugadh dhaibh an coibhneas
Gheibheadh Saighdear Chaluim Bhà in.
Ged a thigeadh trà igh nach fhacas
Riamh a leithid anns an à it';
'S iomadh struthan den a' chuan
Tha eadar mi 's mo luaidh, nach trà igh.
Cait' am bheil thu, ghrà idh, an tig thu
'M bheil thu 'n dùil an tig thu, ghrà idh?
An tig thu shealltainn orm am bliadhna
Na 'n tig thu gu sìorraidh brà th?
Nuair a thèid mi dhan an doras
'S a chì mi ghealach 's i na h-à ird
Bidh mo smuaintean air an t-saighdear
Dh'fhalbh na fhèileadh dhan a' bhlà r.
Chunnaic mise thu as mo chadal
Ri tighinn dhachaigh as a' bhlà r
Le do chlaidheamh caol a' lasadh
Cha b' ann gam iarraidh-sa a bha.
Cuspair an Ã’°ù²¹¾±²Ô - Saighdeir Chaluim BÃ in
B' e Dòmhnall MacMhathain ainm an t-saighdeir, mac le Calum Bà n a bhuineadh do Bhaltos agus Crabhlastadh ann a' Sgìr' Ùige Leòdhais. Rugadh e as na 1740an. Chaidh e dhan arm agus bha e air a rà dh gu robh e ann an Cogadh nan Seachd Bliadhna ann an Canada, agus aig sèist Louisburg air Eilean Cheap Breatainn san Iuchair 1758, nuair a ghèill na Frangaich.
A-rithist bha e an Èirinn agus as na h-Innseachan còmhla ri na Sìophortaich.
Nuair a thill e a dh' Ùig, phòs e Ciorstaidh NicDhòmhnaill agus a rèir coltais bha teaghlach mòr aca agus bha iad a' fuireach ann am baile air a robh Beatharo.
Ann am prògram air Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal air 20 /04/2004, dh'innis Fionnlagh MacLeòid naidheachd mu theaghlach Saighdear Chaluim Bhà in agus mar a thachair dhaibh an dèidh dha bà sachadh:
"Goirid as dèidh a bhà is, dh'fhalbh an teaghlach a Chanada bhon chaidh na daoine a chur à Beatharo. Bha dà adhbhar air a shon, cuid ag rà dh gur e lèig no poll a choireigin a thà inig air a' bhaile, as bith dè tha sin a' ciallachadh.
Ach, as an teaghlach, 's e bhathas ag rà dh gun chaill iad an talamh airson glìob Alasdair MhicLeòid a leudachadh goirid às dèidh dha a thighinn, bhon bha Beatharo an ath dhoras dha Baile na Cille.
'S e Dòmhnall Iùdais a dh' altram 's a ghlèidh a' sgeulachd sin mar a ghlèidh e iomadh sgeulachd eile."
Thill aon de na mic, air an robh Dòmhnall mar a bh'air athair, air ais a dh' Ùig agus phòs e tè à Cà rnais. Ach aig a' cheann thall thill an teaghlach sin cuideachd air ais a Chanada.
Bha e air a rà dh gun deach an t-òran a dhèanamh dha Saighdear Chaluim Bhà in fhad's a bha e an Èirinn, ged nach eil fios cinnteach an e a bhean a rinn e.

Rugadh Donalda NicLeòid aig 19 Tolastadh a' Chaolais air 15 Iuchar, 1940. 'S ann à Circebost ann an Sgìre Ùig a bha a mà thair Mòr, ...
Fiosrachadh air Donalda NicIllEathain / Learn more about Donalda NicIllEathainCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.