
Rugadh Donalda NicLeòid aig 19 Tolastadh a' Chaolais air 15 Iuchar, 1940. 'S ann à Circebost ann an Sgìre Ùig a bha a mà thair Mòr, nighean 'ain Dhol, ach ghluais an teaghlach gu Giosla. B' e Seonaidh MacLeòid, mac Dhòmhnaill Iain Nèill, no Spèicean à Tolastadh a' Chaolais a h-athair. Tha triùir san teaghlach, dithis nighean agus balach.
Chaidh Donalda do Bhun-sgoil Dhùn Chà rlabhaigh agus an dèidh sin gu Sgoil MhicNeacail airson bliadhna. Ann an 1953, nuair a bha i trì bliadhna deug, ghluais an teaghlach do na Crìochan. Bha iad greis ann an Galashiels, greis ann am Melrose, agus mu dheireadh ghluais iad gu Jedburgh, far an robh iad a' ruith Taigh Eiridinn. Chaidh Donalda do Acadamaidh Galashiels aig an à m sin.
Nuair a dh'fhà g i an sgoil chaidh i a dh'ionnsachadh a bhith na banaltram ann an Ospadal Rìoghail Dhùn Èideann. Dh'fhan i ann an Dùn Èideann airson greis an dèidh a cùrsa a chrìochnachadh agus an dèidh sin bha i na bean-glùine ann an Ospadal Jedburgh.
Nuair a bha i còig thar fhichead fhuair i tairgse obrach ann a' Hamilton, Ontario, agus chaidh i a-null a Chanada, an toiseach airson bliadhna. Ann an 1966 phòs i Iain MacIllEathain a bha ag obair aig companaidh gas a bha a' cur phìoban tarsaing Chanada. Bha a mhà thair, Cairistìona NicChoinnich, à Beà rnaraigh Leòdhais agus bhuineadh athar, Tormod MacIllEathain, do Sholas, ann an Uibhist a Tuath. Lean an teaghlach Donalda a Chanada ann an 1968, ged nach deach a brà thair, Iain, a-null gu 1970, an dèidh dha pòsadh.
Chaill Donalda an duine aice, Iain, ann an tubaist rathaid ann an 1974 nuair a bha a' chlann beag agus chaidh i air ais a dh'obair na banaltram. Chaidh, Caoimhin Tormod, an gille a b' òige, a mharbhadh ann an tubaist rathaid cuideachd, nuair nach robh e ach 25.
Bha Donalda a' fuireach ann an Toronto airson deich bliadhna ach ann an 1977 ghluais i gu Picton, ann am Prince Edward County, air Lake Ontario mu sheachd fichead mìle an ear air Toronto. Phòs i Daibhidh Dudenhoffer ann an 1996. Bhuineadh a chuideachd don Ghearmailt bho thùs, ach tha an teaghlach air a bhith ann an Canada airson mu dhà cheud bliadhna. Bha e ann am Feachd Adhair Chanada ach tha e a-nise air a dhreuchd a leigeil dheth.
Tha Iain, a mac as sine, a' fuireach faisg air là imh. Tha a piuthar, Catrìona, a' fuireach dlùth dhi, faisg air Bowmanville, Enniskillen, mu thrì fichead mìle an ear air Toronto agus tha a brà thair Iain, a bha a' teagaisg, a' fuireach ann am Montreal, far am bheil e a' ruith Sgoil Phìobaireachd.
Bha Donalda a' seinn aig Mòd Ionadail Steòrnabhaigh nuair a bha i na nighinn. Tha cuimhne aice gun robh Alma Kerr anns an aon cho-fharpais rithe agus gur i Alma a bha anns a' chiad à ite agus ise anns an treas à ite. Nuair a bha i ann an Dùn Èideann bhiodh i a' seinn aig na cèilidhean gu math tric. Fhad 's a bha i ann an Toronto bha i na ball de chòisir ghà idhlig a' bhaile. Choisinn i Cuach MhicNèill airson seinn nam fileantach aig Mòd Toronto dà bhliadhna an dèidh a chèile an a 1986-87.
'S ann bho mà thair a dh'ionnsaich i Saighdeir Chaluim Bhà in agus bha i ag rà dh rithe gur e a' sinn-sinn-seanmhair a rinn an t-òran. Bha a h-athair-cèile, Tormod MacIllEathain, na bhall de Chomann Uibhist is Bharraigh ann an Toronto agus 's ann mar sin a thà inig i gu bhith anns a' chuideachd an uair a bha Fred MacAmhlaigh a' clà radh ann an Canada ann an 1970.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.