Òran air a sgrìobhadh le: bhon bhìoball agus air a sheinn le: Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu agus còisir ghaidhlig Ìleach ghlaschu.
This is a song written by: bhon bhìoball and sung by: Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu and còisir ghaidhlig Ìleach ghlaschu.
Is e Dia fhèin as buachaill dhomh,
cha bhi mi ann an dìth.
Bheir e fa-near gun laighinn sìos
air cluainean glas' le sìth:
Is fòs ri taobh nan aibhnichean
thèid seachad sìos gu mall,
A ta e ga mo threòrachadh,
gu mìn rèidh anns gach ball.
Tha 'g aiseag m' anam dhomh air ais:
's a' treòrachadh mo cheum
Air slighean glan' na fìreantachd,
air sgà th dheagh ainme fhèin.
Seadh, fòs ged ghluaisinn eadhon trìd
ghlinn dorcha sgà il' a' bhà is,
Aon olc no urchuid a theachd orm
chan eagal leam 's cha chà s;
Airson gu bheil thu leam a-ghnà th,
do lorg, 's do bhata treun,
Tha iad a' tabhairt comhfhurtachd
is fuasglaidh dhomh am fheum.
Dhomh dheasaich bòrd air beul mo nà mh:
le ola dh'ung mo cheann;
Cur thairis tha mo chupan fòs,
aig meud an là in a th' ann.
Ach leanaidh math is tròcair rium,
an cian a bhios mi beò:
Is còmhnaicheam an à ros Dhè,
ri fad mo rè 's mo lò.
Chaidh Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gà idhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...
Fiosrachadh air Còisir Ghà idhlig ÃŒleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghà idhlig ÃŒleach GhlaschuCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.