Òran air a sgrìobhadh le: bhon bhìoball agus air a sheinn le: Còisir Ghà idhlig Bhaile Ghobhainn.
This is a song written by: bhon bhìoball and sung by: Còisir Ghà idhlig Bhaile Ghobhainn.
Dh'fheith mi le foighid mhaith ri Dia,
chrom thugam, dh'èisd mo ghuth:
Is thug e à slochd uamhainn mi,
à clà bar criadha tiugh:
Air carraig chòmhnaird chuir mo chos;
mo cheuman shocraich e.
Is òran nuadh chuir e am bheul,
gu b' e siud moladh Dhè:
Chi mòran e, 's fo eagal bi 'd,
is earbaidh iad à Dia.
'S beannaicht' an duine sin gu dearbh
nì dòchas as an Triath,
Is nach gabh tlachd na toil air bith
do luchd an à rdain mhòir,
No fòs don dream a thèid a thaobh
gu ceilg, le saobhadh glòir'.
Is lìonmhor t'oibre iongantach,
a Thighearn is a Dhe,
'S do smuaintean oirnn: cha-n à irmhear iad
an ordugh dhuìt gu rèidh:
Na'n cuirinn iad an ceill gu mìn,
no fòs na 'n innsinn iad,
An à ireamh rachadh thar mo neart,
aig lìonmhoireachd is meud.
Ofrail no ìobairt leat cha mhiann,
dh'fhosgail thu fhèin mo chluas:
Lochd-ìobairt agus ìobairt-loisgt'
cha d'iarr thu dhut chur suas.

Chaidh Còisir Ghà idhlig Bhaile Ghobhainn a stèidheachadh an Glaschu ann an 1929 agus tha e coltach gun do nochd còrr air ceud duine a' chiad ...
Fiosrachadh air Còisir Ghà idhlig Bhaile Ghobhainn / Learn more about Còisir Ghà idhlig Bhaile GhobhainnCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.