Òran air a sgrìobhadh le: bhon bhìoball agus air a sheinn le: Mà iri NicAonghais.
This is a song written by: bhon bhìoball and sung by: Mà iri NicAonghais.
Deagh adhbhar òrain naoimh is ciùil
a' deachdadh tha mo chrìdh':
Is labhram air na nithean sin
a rinn mi fhèin don Rìgh:
Mar pheann an là imh fir-sgrìobhaidh dheis
a chuireas sìos gu luath,
Is amhlaidh sin, mo theanga tha
air d-urram à rd a' luaidh.
Bhrìgh fìrinn, suairceis, agus ceirt,
marcaich gu buadhach à rd,
Is nithean uamhar teagaisgidh
do dheaslà mh dhut 's gach à it.
Rachadh do shaighdean geur' gu crìdh'
gach eascaraid an Rìgh:
Tre sin am poball tuitidh fo'd,
is nìthear leat an claoidh.
Gu suthainn is gu sìorraidh tha
do chathair à rd, a Dhè:
Slat-shuaicheantais do rìoghachd-sa
is slat ro chothrom i.
O 's ionmhainn leatsa còir is ceart,
is thug thu fuath don olc;
Os cionn do chompanach chuir Dia,
do Dhia-s', ol' aoibhneis ort.

Rugadh Mà iri Nic Aonghais air 15 Lùnastal 1964 ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...
Fiosrachadh air Mà iri NicAonghais / Learn more about Mà iri NicAonghaisCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.