Òran air a sgrìobhadh le: aonghas macGill-Eain agus air a sheinn le: Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu.
This is a song written by: aonghas macGill-Eain and sung by: Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu.
Seo an duan nach fàs sinn sgìth dhith,
Grà dh gu bàs an Tighearna Iosa,
Nuair a chaidh nar n-à it' san strì E,
Chorp is anam thug mar ìobairt.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Seinn an duan don Uan a cheusadh,
Seinn an duan don Uan a dh'èirich,
Seinn an duan gach taobh a thèid thu,
Don Tì thug buaidh air 'n uaigh 's a dh'èirich.
'M faic thu E sa ghà rradh brùite,
Anam brònach – 's beag an t-iongnadh –
Fallas fala tuiteam dlùth dheth,
'S claidheamh ceartais 's e do-lùbadh.
Seo an claidheamh chaidh an sàs ann,
Dh'fhà g E brònach 's neul a' bhà is air;
Ceartas sìorraidh tagradh pà ighidh
Bhon Treas' Pearsa sheas nar n-Ã ite.
Cluinn an osnaich tha tighinn Uaithe,
'S briathran cudromach do-luadhadh –
"Mur gabh an cupan seo cur uam-sa,
Do thoil, a Dhè, biodh dèant' gach uair leam."
Faic E ceangailte le còrdaibh,
'S air a tharraing dh'ionns' a' mhòid ud;
Sileadh breun air aghaidh ghlòrmhor,
'S bhuail a naimhdean E len dòrnaibh.
Air a dhiùltadh 's air a chrùnadh
Leis an sgitheach, Dhè, b' e 'n t-iongnadh.
Rìgh na Glòir bhith ac' ga sgiùrsadh
Sheas gu bàs nar n-à it' toirt ùmhlachd.
Cluinn an glaodh bho Chalbhari leis –
Slà inte d' anam, tha e crìochnaicht'!
Chrom E cheann, bha 'n lagh coileanta,
'S chaidh gu Dia a spiorad fìor-ghlan.
Chaidh Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gà idhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...
Fiosrachadh air Còisir Ghà idhlig ÃŒleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghà idhlig ÃŒleach GhlaschuCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.