Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh MacIain agus air a sheinn le: alasdair ròs, An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais, Calum Ceanadach, Coinneach MacRath, còisir ghà idhlig cheann loch gilb, Dòmhnall MacLeòid, Fionnlagh MacNèill agus pà draig macCuain.
This is a song written by: Donnchadh MacIain and sung by: alasdair ròs, An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais, Calum Ceanadach, Coinneach MacRath, còisir ghà idhlig cheann loch gilb, Dòmhnall MacLeòid, Fionnlagh MacNèill and pà draig macCuain.
Blà th nan cailin, Sìne Bhà n
Reul nan nighean, dìleas òg,
Cuspair dìomhair i dom dhà n,
Grà dh mo chridh', an rìbhinn òg.
Àros sona bh' againn thall
Àirigh mhonaidh, innis bhò.
Sgaoil ar sonas uainn air ball
Mar roinneas gaoth nam fuar-bheann ceò.
Bruaillean cogaidh anns an tìr
Faic an long a' togail sheòl,
Cluinn an druma 's fuaim na pìob
Faic na suinn a' dol air bòrd.
Feumaidh mise triall gun dà il
Chi mi 'm bà rr a croinne sròl.
M' eudail bhà n, o soraidh slà n
Na caoin a luaidh, na sil na deòir.
Cha ghaoir-cath' no toirm a' chà s'
Dh'fhà g min drà sd' fo gheilt is bròn
'S e na dh'fhà g mi air an trà igh,
Sìne Bhà n a rinn mo leòn.
Sìnte 'n seo air achadh blà ir,
'S duine 'mhà in cha tig nam chòir
O, 's nach robh mi anns an Àird
Le Sine Bhà n a' ruith nam bò.
Ma tha e 'n dà n mi bhith slà n
Stadaidh rà n nan gunnan mòr
Am Baile Mhonaidh nì mi tà mh
Le Sìne Bhà n, mo rìbhinn òg.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Nochd cruinneachadh de na h-òrain aige anns an leabhar Crònan nan Tonn an toiseach ann an 1939. Chaidh deasachadh ùr den leabhar, le ceithir òrain a bharrachd, fhoillseachadh le Ceit NicIain, Inbhir Nis, 1997.

Rugadh Calum Ceanadach air 2 Ògmhios 1928, ann an Orasaigh, ann an ceann a deas Sgìre nan Loch, ann an Leòdhas. B' e Murchadh Ceanadach ...
Fiosrachadh air Calum Ceanadach / Learn more about Calum Ceanadach'S ann à Port na h-Abhainne ann an Ìle a tha Dòmhnall MacLeòid, baile beag anns nach eil ach nas lugha na dà cheud neach ...
Fiosrachadh air Dòmhnall MacLeòid / Learn more about Dòmhnall MacLeòid
'S ann am Port Ghlaschu a rugadh Fionnlagh MacNèill (1931-2007). Bha athair, Dòmhnall na Scarpaich, na sgiobair air tè de na bà taichean a bha a' ...
Fiosrachadh air Fionnlagh MacNèill / Learn more about Fionnlagh MacNèillRugadh Coinneach MacRath ann am Pittsburgh, Pennsylvania, anns na Stà itean Aonaichte, sa bhliadhna 1890. Bha a phà rantan air a dhol tarsainn a' chuain goirid an ...
Fiosrachadh air Coinneach MacRath / Learn more about Coinneach MacRath
Rugadh an t-Urramach Dòmhnall Mìcheal MacAonghais ann am Baile Ghobhainn, ann an Glaschu, ach 's ann am Bragar air taobh Siar Leòdhas a thogadh ...
Fiosrachadh air An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais / Learn more about An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghaisCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.