Òran air a sgrìobhadh le: Mà iri Nic a' Phearsain (Mà iri Mhòr nan Òran) agus air a sheinn le: Alma Kerr, Còisir Ghà idhlig Inbhir Pheofharain, ena nic a' phì, iain macAonghais (Scalpaigh), Kathleen NicDhòmhnaill, Lorna NicCharmaig, Maighread Stiùbhart agus Mairead Hulse.
This is a song written by: Mà iri Nic a' Phearsain (Mà iri Mhòr nan Òran) and sung by: Alma Kerr, Còisir Ghà idhlig Inbhir Pheofharain, ena nic a' phì, iain macAonghais (Scalpaigh), Kathleen NicDhòmhnaill, Lorna NicCharmaig, Maighread Stiùbhart and Mairead Hulse.
Soraidh leis an à it'
An d' fhuair mi m' à rach òg,
Eilean nam beann à rda
Far an tà mh an ceò;
Air am moch a dh'èireas
Grian nan speur fo ròs,
A' fuadach neul na h-oidhche
Soillseachadh an Stòrr.
Cuir m' aghaidh air Glaschu
B' airtnealach mo cheum,
Cuir mo chùl ri cà irdean,
Nochd am bà igh cho treun;
Ghluais ar buadhan nà dair
Ann an grà dh dha chèil',
Shruth mo dheòir a-bhà n,
Is dh'fhà ilnich guth mo bhèil.
Cò aig a bheil grà dh
No tà lantan na cheann,
Is dèigh air obair nà dair,
Nach toir strà chdan ann;
Sasannaich is Stà daich,
Agus à ireamh Ghall,
A chosdas cuid dem maoin
A dh'fhaicinn taobh Chuith-raing.
Flòdaigearraidh sgiamhach,
CÃ it' eil d' fhiach de ghrunnd,
'S ainmeil an crodh-dà ra
A dh'Ã raicheadh air d' fhonn;
Is nuair a thig an oiteag
Bho Lochlann oirnn a-nall,
Sèideadh air Sron Bhaornaill,
'S cùbhraidh gaoth do bheann.
Tha 'n sneachda is an neòinean
A' pògadh beul ri beul,
Shamhradh is a gheamhradh
Ann an ceann a chèil';
Canach air do mhòintich,
'S lògar air gach fèith,
Muran air do chruachain,
'S luachair air do rèisg.
Creag Shniadhasdail nam biatach,
Fraigh-shnighe sìos gu bonn,
Cruinneachadh na loch
'S an seòladh coit is long;
'S ged bhiodh neach le prosbaig,
Chan fhaiceadh e a grunnd;
Bhon nigh Fionn a chasan,
Dh'fhà g e 'n t-uisge donn.
Tha do lochan rìomhach
Sìnte staigh feadh d' eang,
Dealachadh ri chèile
Rèidhleanan is bheann;
'S ma tha neach le lèirsinn,
Chan i breug a th' ann,
Chì iad bhà rr do shlèibhtean
Pà irt de dh'Èirinn thall.
'S aoibhneach Eilean Asgrab
FÃ ilteachadh nan tonn,
'S uaibhreach creagan Gheà rraidh,
SÃ ilean os an cionn;
Suas gun ruig thu 'm FÃ sach,
Far an tà mh an sonn,
Steinn is Sgor a' Bhà igh,
An t-à ite 's à ille fonn.
Seall fo Chaisteal Uisdein,
Feasgar ciùin gun cheò,
Ghrian a' dol san iar,
'S a dreach air fiamh an òir;
An cuan na leabaidh dhìon
Do dh'iasgaibh de gach seòrs',
Is buar a' dìreadh suas
Gu ceann Bòrd uain' MhicLeòid.
Seallaibh on a' Chrannaig,
Madainn ghreannach fhuar,
Null gu Eilean Liandail,
'S a' ghaoth 'n iar tighinn tuath;
Tonnan air an riasgladh,
'G èirigh sìos is suas,
'S bà taichean len iasgairean
Cur siar nan stuadh.
Seallanna bu bhrèagha
Riamh chan fhaca sùil,
Sprèidh a-mach gam feurach
Madainn ghrianaich chiùin;
'N uiseag air a sgiath
Seinn gun fhiamh a ciùil,
'S an ceò mu cheann Beinn Tìonabhaig,
Is an sliabh fo dhrùchd.
Suidh air cnocan uain'
Air cruachan Saidhebhìnn,
Seall gach taobh mun cuairt dhut,
Eadar cuan is tìr;
Sgoirebreac nan stuadh
Sna thogadh suas na suinn,
'S Dòmhnallach nam buadh
Cur snuadh air Port a' Rìgh.
'S iomadh rosg a dh'iadhas,
Sealltainn sìos le sùil,
Air do chreagan iargalt
Air gach lian is stùc;
Thig uaislean nan ceudan
Nuair tha bhliadhna ciùin,
Tional às gach ceà rn
Air bà taichean na smùid.
Eileanan a' chuain
Mun cuairt dhut air gach à ird,
Seallaidh iad le uamhann
Air do stuadhan à rd;
Nuair a dh'èireas buaireas
Eadar cuan is trà igh,
Nì Mol Stamhain nuallan,
'S uair dhaibh bhith nan tà mh.
Mhuinntir chòir tha là thair
'S a tha tà mhach ann,
Cumaibh suas ur gnà ths,
Ur bà idhealachd 's ur cainnt;
Tha mòran a dh'fhà g e,
An ceà rnaidh fad o là imh,
Chuimhnicheas le grà dh
Beul à tha nan trì allt.
Nuair rà inig mi 'n t-à ite
'N d' fhuair mi m' à rach òg,
Far an robh ar n-Ã irigh,
Sprèidh len à l mun chrò;
Choltaich mi ri GÃ idhlig,
Torman tlà th nan lòn
"'S aoibhneach leinn, a Mhà iri,
D' fhaicinn slà n 's tu beò."
Seinnidh gach fear-ciùil
Le mùirn a dhachaigh fhèin,
'S cumaibh suas a cliù
Ma bhios ur cùrsa rèidh;
Ach cha ghabh sinn mùiseag
Os ur cionn gu lèir,
Nach eil spot as cùbhr'
Air an laigh driùchd o nèamh.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha fiosrachadh mu Mhà iri agus a bà rdachd ri fhaotainn san leabhar Mà iri Mhòr nan Òran, deasaichte le Dòmhnall Eachann Meek (Comann Litreachas Gà idhlig an h-Alba, 1998)

Rugadh Maighread Stiùbhart air 12 Ògmhios, 1956, agus thogadh i ann an Col Uarach, Leòdhas. Bha seinn agus bà rdachd mun cuairt oirre nuair a bha ...
Fiosrachadh air Maighread Stiùbhart / Learn more about Maighread Stiùbhart
'S ann à Port Rìgh a tha Lorna NicCharmaig. Bhuineadh a h-athair, Raibeart, do Leòdhas agus 's ann à sgìre Loch Aillse a tha a ...
Fiosrachadh air Lorna NicCharmaig / Learn more about Lorna NicCharmaig
Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thà inig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ...
Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill
'S ann do Steòrnabhagh a bhuineas Alexandra 'Alma' Kerr ach bhuineadh cuideachd a h-athair do na Hearadh agus cà irdean a mà thar do ...
Fiosrachadh air Alma Kerr / Learn more about Alma Kerr
Rugadh Mairead Hulse air an t-siathamh là tha den Damhair, 1934, ann an Stèornabhagh. 'S ann à Tolastadh bho Thuath a bha a mà thair, Mairead Iain ...
Fiosrachadh air Mairead Hulse / Learn more about Mairead HulseChaidh Còisir Ghà idhlig Inbhir Pheofharain a stèidheachadh bho thùs le Uisdean Alasdair Friseal, a bha na fhear-teagaisg Gà idhlig ann an Acadamaidh Inbhir Pheofharain. Rugadh e ...
Fiosrachadh air Còisir Ghà idhlig Inbhir Pheofharain / Learn more about Còisir Ghà idhlig Inbhir PheofharainCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.