Òran air a sgrìobhadh le: Aonghas Caimbeul (Am Puilean) agus air a sheinn le: Ina NicRisnidh.
This is a song written by: Aonghas Caimbeul (Am Puilean) and sung by: Ina NicRisnidh.
Caidil sìos mo leanabh gaoil
Leig caogadh air do shùil,
Tha latha ciaradh air na raoin,
Na sgà il a' sgaoileadh dlùth,
Tha ghaoth san stùc mo leanabh rùin
Le guth na dùbhlachd gharg,
Air osag shiùbhlach bhà rr a siùil
Gad ghiùlain fad air falbh.
Tha eòin na speur, mo leanabh grà idh
Air dol mu thà mh san t-sliabh,
Tha buar, is grèigh, is treudan bà n
Le 'n à il air dol fo dhìon;
Tha tuirt muir-siar le bùir an t-sìon
Is altram tiamh a luasg,
Toirt aiseag airsneulach na leus
Dhuit sìos gu tall' an t-suain.
Tha ghealach mhòr, mo leanabh còir,
Ri seòladh anns na speur,
Fo phlaide sgòth a' ruith fo sgòd,
Gan òisleanadh le seud;
Tha reultan diamon cruinne-cruinn dhith
Boillsgeadh barraichte dearg,
'S na nèamh a' lannadh brat na h-oidhch'
Gad shoillseadh troimh 'n dorch.
Biodh sluagh na sìth, mo leanabh naoidh
Os cionn do chreathail bhlà th,
Ri fighe lìon a' mhoguil mhìn
Ri soills' na gealaich bhà in,
Gu dìon do shà mhchair mhà lda chiùin
Bho dhùsgadh gul nan deòir,
Cur ung bhon drùchd air rosg do shùil
'S gan dùnadh le am pòg.
Tha mà thair, banaltram do loinn,
Le tà ladh-crònain tiamh,
Cur tà isnich chadalach na clò
An tòir air talla cian.
Tha iochd is bà igh air nach tig trà igh,
Tha grà dh nach dealaich tìm,
'Na mà nran-cagair gaolach blà th
Do à illeagan a cridh.
Dean cadal sìos mo leanabh dà imh,
Biodh ainglean ga do dhìon,
Bho ionnaraidh gu ruig moch-thrà th,
Bho à nradh, crà dh, is pian;
Aig gairm nan eun biodh sgleò ri triall
Aig èirigh grian nan dùl
Le solas à ghmhor, 's deòthan blà th
Ri fà ilteachadh do dhùsg.

Rugadh Ina NicRisnidh ann an Suaineabost, Nis sa bhliadhna 1947. B' i an t-siathamh duine cloinne a-mach à teaghlach de sheachdnar a bha aig a' ...
Fiosrachadh air Ina NicRisnidh / Learn more about Ina NicRisnidhCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.