Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Murchadh Mac a' Ghobhainn agus air a sheinn le: Aonghas MacLeòid, Dòmhnall MacRath agus tòmas crawford.
This is a song written by: An t-Urr. Murchadh Mac a' Ghobhainn and sung by: Aonghas MacLeòid, Dòmhnall MacRath and tòmas crawford.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Tè bhà n, tè bhà n, tè bhuidhe bhà n,
Tè bhà n a rinn mo bhuaireadh;
Cha chreid mi fhìn nach fhaigh mi là mh
Tè bhà in as à illidh cuailean.
Gur mis' tha cianail na mo thà mh
An trà th seo ort a' smuaintean,
biodh an cuan na thalamh trà ight'
Gu ruiginn trà th Diluain thu.
Bha mòran òigridh anns an à it'
Lem b' Ã ill do thabhairt uamsa;
Cho fad 's a ghlèidh mi fhìn do là mh
Bha d' inntinn blà th rim ghualainn.
Bho rinn mi gluasad às an à it',
San robh mi là mh rim ghruagaich,
Tha m' inntinn luaisgeanach gun tà mh,
Gun chà il a thogas suas i.
Nam bithinn-sa mar eala bhà in,
A shnà mhas thar nan cuantan,
Gum bithinn oidhche riutsa là mh,
Is cà ch nan cadal suaimhneach.
Nuair a bhitheas mi leam fhìn
'S neo-shìtheil bhios mo smuaintean
A' smaoineachadh mu d' aodann
Gus an sgaoil mo bhruadar.
An uair a thèid mi cuairt na srà id
'S a chì mi cà ch rim ghualainn
Bheir e na mo chuimhne 'n trà th
A bha sinn anns a' bhuaile.
Nach truagh nach robh mi anns a' ghleann,
Sam b' annsa leam bhith gluasad,
Is ged biodh m' inntinn dubhach, trom,
'S e thogadh sunndach suas i.
Gach eala bhà n a thèid air snà mh,
Gach faoileag bhà rr nan cuantan,
A' giùlan uamsa soraidh slà n'
Don à it' sa bheil mo ghruagach.
Gach creag is allt is cnoc is gleann
Air feadh nam beann san gluais sinn,
Toirt fianais air na thuirt sinn ann
Ma bhios am bann air fhuasgladh.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha bà rdachd eile leis an t-Urr. Murchadh Mac a' Ghobhainn ri lorg ann an Bà rdachd Leòdhais (Acair, 1988) agus anns an iris Gairm, Àireamh 93.

Rugadh Aonghas C. MacLeòid ann an Scalpaigh anns an Dùbhlachd, 1927. B' e an siathamh duine cloinne aig Coinneach Iain 'ac Dhòmhnaill 'ic Chaluim à ...
Fiosrachadh air Aonghas MacLeòid / Learn more about Aonghas MacLeòid
Rugadh Dòmhnall MacRath ann an Tà bost nan Loch, Leòdhas air 26 Lùnastal, 1941, mac Ciorstaidh Anna Mhurchaidh Mhurchaidh. Nuair a bha e dà bhliadhna dheug ...
Fiosrachadh air Dòmhnall MacRath / Learn more about Dòmhnall MacRathCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.