Rugadh an t-Urramach Murchadh Mac a' Ghobhainn, Bà rd Liùrboist nan Loch, Leòdhas, ann an 1880. Bha e na mhaighstir-sgoile mus robh e na mhinisteir, a' teagasg ann an sgoiltean le Comunn Gà idhealach Mnathan-Uaisle Dhùn Èideann (Ladies Highland Association Schools) ann an à itichean leithid Àird Mhùirlidh anns na Hearadh, Loch Sgioport, agus Gramasdal an Uibhist a Tuath.
Choisinn e urram airson a' bhà rdachd an toiseach ann an 1911. Mar a mhìnich a mhac, K. D. Mac a' Ghobhainn, air Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal san t-Samhain 1987:
"B' e obair fearainn an cuspair a thagh m' athair nuair a dh'fheuch e air co-fharpais litreachais aig Mòd Ghlaschu as a' bhliadhna 1911. Chuir e air adhart trì pìosan de bhà rdachd bho na cinn 'An t-Àiteach', 'An Àirigh' agus 'A' Bhuain'. Chaidh na trì cuspairean bho aon cheann, 'Obair a' Chroiteir ann an Leòdhas', agus choisinn e à rd dhuais airson an oidhirp sin."
Mus deach Eaglais Shaor Chrosaboist a thogail bha taigh-adhraidh air mullach Cnoc Mà iri a chaidh a thogail le buill den choitheanal. Ann an stoirm uabhasach thuit e, agus bha ùpraid nach bu bheag mun chùis. Rinn Mac a' Ghobhainn òran aotrom, èibhinn mun chùis.
'S ann toiseach an Fhaoillich
A bheothaich na gaoithtean
A rinn call air an taobh seo
Chuir smaoineachadh oirnn.
An sionagog à lainn
Bh' air mullach Cnoc MÃ iri
A bhriseadh na chlà ran
'S a chà radh 's na lòin.
Nuair chunnaic an calman
Gun chuireadh air falbh aist'
An teachdair bha ainmeil
Air searmanan mòr;
Bha chridhe fo thùrsa
A' faicinn na cùbainn
'S na dorsan aic dùinte
Air cùlaibh Mhic Leòid.
Dh'innis K. D. mun chuimhne a bha aige, 's e na bhalach, air a bhith a-muigh cuairt còmhla ri athair, 's iad air ùr thilleadh à Uibhist.
"Thachair sinn air èildear còir a bhuineadh don Eaglais Shaor. Chuir e fà ilte chridheil air m' athair le briathran nach do thuig mise idir aig an à m. A' cur ìmpidh air m' athair thuirt e, "A Mhurchaidh, bha fios agam gu robh sibh air tilleadh dhan tìr. Phriob an calman orm Là na Sà baid!"
Rug iad air là imh air a chèile gu cà irdeil, 's rinn an dithis gà ire aighearach. Bha mise air m' fhà gail fo imcheist.
Iomadh bliadhna an dèidh seo, lorg mi gu robh calman snaidhte ann a' fiodh os cionn a' chùbainn ann an Eaglais Chrosaboist. Bha iomradh air a' chalman a bha seo anns an t-òran a sgrìobh m' athair. Agus seo a bh' aig an èildear anns an fhà ilte."
Sgrìobh Murchadh Mac a' Ghobhainn air iomadh cuspair agus, a bharrachd air an Tè Bhà n, rinn e òrain eile air a bheil daoine measail fhathast.
'S e, mar eisimpleir, a sgrìobh 'Fògradh ar Gà idheil', anns a bheil na briathran:
Cha b' iongnadh ged a bhà saicheadh
Ar cà nan mhilis mhà thaireil
Cha labhair fèidh na fà saich i
'S tha chaora bhà n gun chòmhradh.
Aig aon à m, rinn Mac a' Ghobhainn agus dithis mhinistearan eile deiseil airson a dhol a shearmonachadh a Chanada. Aig a' cheann thall, cha deach e ann, ach chuir e a smuaintean mu bhith fà gail an eilein ann an òran a tha ri chluinntinn tric:
Tha m' inntinn trom fo luaisgean
'S mi gluasad as an à it'
Far robh mi òg ri buachailleachd
Bho ghluaisinn na mo phà isd';
Air feadh nan glinn 's nam mòintich
Far am biodh na h-eòin len à il
'S na srathan glas 's na leòidean
Anns an goir an smeòrach trà th.
Dh'innis K. D. mar a thà inig Aonghas MacLeòid gu an Tè Bhà n a chuir air clà r:
"Nuair a bha mise nam oileanach an Obar Dheathain, chuir mi eòlas air fìor Ghà idheal à Scalpaigh na Hearadh a bha a' toirt a-mach a dhreuchd fhèin aig an aon à m. B' e esan Aonghas MacLeòid nach maireann, seinneadair barraichte.
Aon latha thà inig Aonghas far an robh mi a dh'fhaighneachd a' robh lorg sam bith agam cò sgrìobh an t-òran, Tè bhà n, Tè bhà n.
Bha e air cuireadh fhaotainn bho Mhurchadh MacFhearghais dà òran a thaghadh airson clà r anns a' chiad sreath a bha Murchadh ag ullachadh fon ainm Gaelfonn. Agus thug mise gu dearbha cead do dh'Aonghas an t-òran a sheinn, oir b' e seo aon de na h-òrain aig m' athair."
B' e an Tè Bhà n Ceit 'an Louis à Crosabost, agus bha a mà thair à Ìle. Ged nach d' fhuair am bà rd là mh Cheit, tha rann aige ann an òran eile a tha a' sealltainn nach robh e ag altramas mì-rùn sam bith dhi air sgà th na thachair:
Thug mi gaol dhut, 's chan fhaod mi à icheadh
Ach mheas thu faoin e is rinn thu tà ir air.
Tha do shaors' agad airson m' fhà gail
Ach guidheam slà n thu gach oidhch is là .
Chaochail an t-Urramach Murchadh Mac a' Ghobhainn ann an 1936.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.