Òran air a sgrìobhadh le: Gilleasbaig MacDhòmhnaill agus air a sheinn le: Còisir Ghà idhlig na Luirg agus còisir (Inbhich).
This is a song written by: Gilleasbaig MacDhòmhnaill and sung by: Còisir Ghà idhlig na Luirg and còisir (Inbhich).
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Teann a-nall 's thoir dhomh do là mh,
Teann a-nall 's thoir dhomh do là mh,
Teann a-nall 's thoir dhomh do là mh,
Is bheir mi sgrìob do dh'Uibhist leat.
Tha am feasgar ciùin 's na siantan blà th,
Tha ghrian san iar mar mheall den òr,
Tha an cuan mar sgà than gorm gun sgleò,
'S bu mhòr mo mhiann bhith 'n Uibhist leat.
Tha sìth air aghaidh beinn is raon,
Tha fà ileadh cùbhraidh thar an fhraoich,
'S tha neòinean bhòidheach fàs gach taobh,
'S bu mhòr mo mhiann bhith 'n Uibhist leat.
Na h-eòin a' seinn air bhà rr nan geug
'S an seillean tional mil dha fhèin
Na h-uain a' mireag-ruith 's a leum
'S bu mhòr mo mhiann bhith 'n Uibhist leat.
Tha 'n iarmailt gorm gun lorg air neul
An sruthan torghan nuas bhon t-sliabh
A' chuthag ghlas 's gùg-gùg na beul
'S bu mhòr mo mhiann bhith 'n Uibhist leat.
Tha 'n crodh a' geumnaich anns a' chrò
A' bhanarach 's a cuach na dòrn
A' seinn a duan 's i bleoghann bhò
'S bu mhòr mo mhiann bhith 'n Uibhist leat.
Bu mhòr mo mhiann bhith 'n siud san à m,
Is m' inntinn fad' bho thìr nan Gall,
Ag èisteachd sgeulachd, òran 's rann,
'S bu mhòr mo mhiann bhith an Uibhist leat.
Tha pòr na machrach là n de bhiadh
Tha breac air linne 's lach air sgiath
Tha iasg am pailteas sa Chuan Shiar
'S bu mhòr mo mhiann bhith an Uibhist leat.
Is dìomhain dhuinne bhith cho faoin
A' siubhal saoghail ruith gach maoin,
Tha beatha is slà inte an tìr mo ghaoil,
'S gun tèid mi thà mh do dh'Uibhist leat.
Chaidh Còisir Ghà idhlig na Luirg a stèidheachadh ann an 1976 le Dòmhnall Dòmhnallach an urra ri taobh na Gà idhlig agus le Seòras Peat a' stiùireadh ...
Fiosrachadh air Còisir Ghà idhlig na Luirg / Learn more about Còisir Ghà idhlig na LuirgCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.