B' ann à Ceann a' Bhà igh an Uibhist a Tuath a bha Gilleasbaig MacDhòmhnaill no Eà irdsidh Dhòmhnaill 'ac Lachlainn, mar a dh'aithnichear e san eilean.
Rugadh e ann an 1874 agus ged a thug e a' mhòr-chuid dhe bheatha ag obair ann an Glaschu thill e air ais a Cheann a' Bhà igh nuair a leig e dheth a dhreuchd. Cha do phòs e riamh.
Tha fhios gum biodh e a' sgrìobhadh dà in spioradail agus 's e cuideachd a sgrìobh an t-òran ainmeil ris an canar am Beurla 'The Uist Tramping Song', a chaidh a chlà radh le seinneadairean ainmeil leithid Raibeart Wilson agus Coinneach Mackellar:
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Thugainn leam, thugainn leam, o hi rì 's o ho rò,
Thugainn leam, thugainn leam, o hi rì 's o ho rò,
Thugainn leam-sa thar na mara null do dh'Uibhist bheag nam beannaibh,
'S gheibh sibh mil ann agus bainne, thugainn leam, thugainn leam.
Tha a' ghrian anns an à ird dheas is blà th ghaoth bhon iar,
Tha an lochan cho còmhnard 's cho stòlda san fhèath,
Tha tuinn mhara crònan an òrain bho chian,
A' tairgse dhuinn sòlais 's a' tà ladh gach miann.
Nuair a theirgeas an samhradh 's thig foghar an à igh
Bidh cruach air an achadh agus maorach san trà igh;
'S cha bhi sinn gun annlan gach ceann de na bhòrd
Fhad 's bhios breac anns an linne 's lacha riabhach air lòn.
'S a-nis, bhean mo ghrà idh-sa, thoir dhòmhsa do là mh,
'S thèid sinn null don eilean far am faod sinn bhith tà mh,
Gun bhreislich, gun ghleadhraich, gun ùpraid, gun cheò,
'S bidh a' ghrian air an uinneig cumail tìm dhuinn air dòigh.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.