Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Mà iri Sandeman agus Seinneadairean Dhùn Èideann.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Mà iri Sandeman and Seinneadairean Dhùn Èideann.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Tha cumha 'n dèidh do ghaoil orm
Tha mulad mòr as d' aonais orm
Tha cumha 'n dèidh do ghaoil orm.
Fhuair mi nead na liath-chirce.
Air bà rr na tuinne fiadhaich;
Bha 'n ròn glas a' dol don iarmailt
Agus cliabh air bac a' ghà irdean
Chunnaic mi na sgaireagan,
A' sìor dhèanamh bhuntà ta dhuinn;
'S dreathan donn 's dà rà mh aige
Cur bà ta 'n aghaidh gaoithe.
Chunnaic mi na cudaigean
A' snìomh air an cuid chuigealan;
'S a' chorra-ghritheach 's buideal aic'
Falbh an cuideachd dhaoine.
Chunnaic mi na donnagan
A' falbh is eallaich chonnaidh orr';
An fhaochag as an tomadaich,
A' falbh is dronnag fhraoich oirr'.
Chunnaic mi na h-easgannan
A' danns' air an là r fhasgnaidh
Is a' ghuilbneach agus bat' aice,
'S i cur a-steach nan caorach.
Cuspair an Ã’°ù²¹¾±²Ô
Dh'innis Mgr Iain MacRuaraidh do Chomunn Gà idhlig Inbhir Nis air 12 Gearran, 1890, sgeulachd mun t-òran seo ged nach robh fhios aige cò a rinn e.
Thuirt e: "Bha duine ann aon uair a rinn cionta a bha toillteannach air a' bhà s. An uair a chaidh a dhìteadh thuirteadh ris gu faigheadh e leis a bheatha nan deanadh e òran anns nach biodh aon fhacal fìrinn.
Cha chuimhne leam a chluinntinn cia mheud ceathramh a dh'fheumadh a bhith anns an òran. Tha fhios agam gur gann a tha cuimhne agam air an dara leth dheth. Gu mi-fhortanach dha fhèin, chuir an duine bochd aon fhacal fìrinn anns an òran, agus air tà illeabh an fhacail seo chaill e a bheatha. Chan eil air cuimhne agam den cheathramh anns an robh am facal fìrinn ach an dà shreath:
"A' chuthag is gu-gùg aice
'S i toirt nan sùil à caoraich."
Tha e fior gum bi gu-gùg aig a' chuthaig ged nach 'eil e fìor gun toir i na sùilean às na caoraich."
Bho Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Vol. 16.
B' iad Seonag NicChoinnich, Evelyn Chaimbeul, Iona NicDhòmhnaill, agus Mà iri Sandeman Seinneadairean Dhùn ...
Fiosrachadh air Seinneadairean Dhùn Èideann / Learn more about Seinneadairean Dhùn ÈideannRugadh agus thogadh Mà iri Sandeman ann an Dùn Èideann. B' ann à Devon a bha a mà thair, Mà iri Trump, agus thà inig cuideachd a h-athar, Pat ...
Fiosrachadh air Mà iri Sandeman / Learn more about Mà iri SandemanCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.