Òran air a sgrìobhadh le: Mà iri Nic a' Phearsain (Mà iri Mhòr nan Òran) agus air a sheinn le: alyth nicCharmaig agus the bridge.
This is a song written by: Mà iri Nic a' Phearsain (Mà iri Mhòr nan Òran) and sung by: alyth nicCharmaig agus the bridge.
'N uair thig latha mòr a' chùnntais,
'S a thèid gach cogais a dhùsgadh,
Bidh iomadh h-aon is crith nan glùinean,
Reic an crùn le fianais bhrèige.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Cha do chreid iad air mhodh slà inteil,
Gun robh ac' anamannan neo-bhà smhor,
Dh'fheumas seasamh anns a ghabhadh,
An là a nì E 'n à ird a sheudan.
Tha mi sgìth de luchd na Beurla;
Tha mi sgìth dhiubh cheart da-rìribh;
'S ann leam fhìn gur fhada n' cèilidh;
Tha mi sgìth de luchd na Beurla.
Neach a shà raicheas an truaghan,
'S, a bhantrach, nach gabh e truas dith,
Thig an là an cluinn an cluas,
A bhinne chruaidh a thèid orr' éigheach.
Tha ar dùthaich ar a truailleadh,
Leis a' ghrà isg tha tighinn mu thuath oirnn;
Chan eil creutair bochd a ghluaiseas,
Nach tèid a chuaradh 's a reubadh.
Far an robh mòran de dhaoine,
'S ann a tha e 'n diugh fo chaoirich,
Cìobair am mullach gach maoile,
Coin san aonach 's iad ag éigheach.
Tha cuid dha nach aithne 'n à ite,
Ghabhas orra dhol ga chà ineadh,
Tha iad coltach ri Balà am -
Thug an t-asal aithn' dha eucoir.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.