Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Mairead NicGillEathain.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Mairead NicGillEathain.
Tha mo bhreacan-sa fon dìle
Chan fhaod mi innse mar tha e
Tha mo bhreacan-sa fon dìle.
Tha mo bhreacan air a mhilleadh
Aig na gillean as a' bhà ta.
Tha mo bhreacan gu fliuch fuaraidh
Chan fhaod mi chur suas a-mà ireach.
'S mise a-mà ireach falbh a sheòladh
'S chan ann air m' eòlas a tha mi.
Dol a dh'eilean nan eun fiadhaich
'S nach tà inig gin riamh às sà bhailt'.
'S tha na h-ìghneagan nan gruam rium
On a chuir mi suas a' fà bhar.
Bonaid ghorm is ite pheucaig
Claidheamh is e fhèin gu spadadh.
Fhuair sinn òrdan o Rìgh Deòrs'
Bhith giùlan Seònaid 's còta sgà rlaid.
Gura mise tha fo mhì-ghean
'S Caiptein Tìm a' dol dhan bhà irlinn.
Air thoiseachd air luchd na Beurla
'S nach do dh'fhà g e "Dè mu Ghà idhlig?"
Ionnan sin is Còirneal Mitchell
Fear a-nis ach dha na GÃ idheil.
Bheir mo bheannachd gu Port Royal
Far an òg ann fhuair mi m' à rach.
Far am faigheadh tu fiadh air fireach
Iasg air linnidh 's fir a b' òran.
Far am faicte crodh air bhuailtean
'S gruagaichean gan cur gu à irigh.
Ged a tha e follaiseach gun deach cuid de na ceathramhan a tha Mairead NicGillEathain a' seinn an dèanamh ann an Alba Nuadh, 's dòcha aig an à m a bha na Breatannaich agus na Frangaich ri cogadh an aghaidh a chèile an Canada, tha an t-òran cuideachd ri fhaighinn an diofar riochdan ann an Alba.
Ann an òraid do Chomunn Gà idhlig Inbhir Nis air 11 Dùbhlachd, 1981, mu sgìre an t-Srath san Eilean Sgitheanach, bha Niall MacFhionghain ag innse gu robh e air aithris gun d' rinneadh an t-òran seo le saighdear a bhuineadh do dh'Àird an t-Srath, a bha ann an iomadh batal thall-thairis. Bha e air a rà dh gun do thill e a chuideachadh a' Phrionnsa Teà rlach Èideard Stiùbhart, ach gum b' fheudar dha an rìoghachd fhà gail an dèidh Blà r Chùil Lodair agus gur ann mun à m sin a rinn e an t-òran le na facail a leanas:
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Tha mo bhreacan fliuch fon dìle,
Chan fhaodar innse mar tha e,
Tha mo bhreacan fliuch fon dìle.
Tha mo bhreacan air a mhilleadh
Aig na gillean anns a' bhà ta.
Tha mo bhreacan fliuch, fuaraidh,
Chan fhaod mi chuir suas a-mà ireach.
Tha na h-ìghneagan fo ghruaman
Bhon latha chuir mi suas am fà bhar.
Bhon latha chuir mi suas am fèileadh
Claidheamh is crios fèileadh seà irdeant.
Dol do eilean nam beann fiadhaich;
Cha robh duine riamh a' tà mh ann.
Tha mi mà ireach dol a sheòladh,
Chan ann de 'm chòrdadh a tha e.
Dol gu eilean nan eun dubha,
Cha bhi sinn subhach gu brath ann.
Anns an iris Gairm, Àireamh 56, Am Foghar 1966, tha na facail a leanas. Chaidh an toirt sìos leis "a' Bhean-uasal NicDhòmhnaill, Bòsta, Inecleit, Steòrnabhagh, agus a' nighean aice Hetty bho aithris na Mna-uasail NicRath a bha fad bhliadhnaichean air thaigheadas ann am Miabhaig Ùige, Leòdhas, agus a tha a nis a' fuireach an Inbhir Nis."
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Tha mo bhreacan dubh fon dìle,
'S chan fhaod mi innse mar a tha e,
Tha mo bhreacan dubh fon dìle.
Tha mo bhreacan gu fliuch, salach,
'S chan urrainn dhomh fantainn ri fhà sgadh.
Tha mo bhreacan gu fliuch, fuaraidh,
'S chan urrainn dhomh chur suas a-mà ireach.
Tha mo bhreacan air a mhilleadh
Aig na gillean air a' mhà rcha.
Breacan bòidheach rìomhach, ròmhach,
Rinn na meòirean aig mo mhà thair.
'S iomadh oidhche fad a' gheamhraidh
A bha fonn aic' a' cur à ird air.
Greis le cuigeal agus crùisgean
Ann an cùil a' dèanamh snà th dheth.
Fhuair i mà dar à Dùn Èideann
Uain' à Èirinn agus gà rnait.
Fhuair i guirmean as na h-Innsean
Purpaidh Thìris agus sgà rlaid.
Mheasgaich i iad uile còmhladh
Ealamh eòlach le na spà lan.
Anns an leabhar Ã’°ù²¹¾±²Ô an Eilein a dheasaich Cairistìona Mhà rtainn (Taigh nan Teud, 2001) tha e air a rà dh gur e seann òran a th' ann a rinneadh "leis a' Mhaor Bheag à Cill Mo Luaig ged a their cuid gun deach a dhèanamh le fear à Àird an t-Srath a bha thall-thairis ach a thill gu bhith a' cogadh airson Theà rlaich." Tha na facail a-rithist beagan eadar-dhealaichte:
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Tha mo bhreacan fliuch fon dìle,
Chan fhaod mi inns' mar tha e;
Tha mo bhreacan fliuch fon dìle.
Tha mo bhreacan gu fliuch, fuaraidh,
Cha ghabh e cur suas a-mà ireach.
Tha mo bhreacan air a mhilleadh
Aig na gillean air a' mheà rsadh.
Bidh mi mà ireach dol a sheòladh
Chan ann air m' eòlas a tha mi.
Dol do dh'eilean nan eun fiadhaich
Cha robh daoine riamh a' tà mh ann.
Thoir mo shoraidh do Ghleann Lòchaidh
Far an robh mi òg gam à rach.
Far am faighteadh gruagach bhòidheach
'G iomain bhò gu bealach à irigh.
Rugadh Mairead NicGillEathain ann am Baghasdal air Eilean Cheap Breatainn ann an 1909. B' e NicDhòmhnaill an cinneadh a bha aice mus do phòs i ...
Fiosrachadh air Mairead NicGillEathain / Learn more about Mairead NicGillEathainCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.