Rugadh Mairead NicGillEathain ann am Baghasdal air Eilean Cheap Breatainn ann an 1909. B' e NicDhòmhnaill an cinneadh a bha aice mus do phòs i Ruaraidh MacGillEathain, Ruaraidh Iagain Ruaraidh ann an 1929. Bha còignear de theaghlach aca.
Bha Mà iri a' fuireach as a' Chùl, Cùl Bhaghasdail, agus bha là n a cinn de dh'òrain aice. Thog i mòran de na h-òrain sin bho a seanmhair Mà iri Dhòmhnaill Nìll (NicFhionghain), bho a seanair Dòmhnall Dòmhnallach agus bho dà uncail, Seonaidh Iain agus Mìcheal Iain.
Bha Seumas MacBhà tar, a rinn prògraman mu òrain agus seinneadairean Cheap Breatainn do Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal mar phà irt de Bhliadhna nan Ã’ran 2010, eòlach air Mairead:
"Na mo chuimhne-sa, 's e boireannach uabhasach fhèin còir, coibhneil, a bha ann am Mairead. Boireannach à rd, tana, là idir a bh' innte. Aig deireadh na là ithean aice bha i a' fuireach còmhla ri a mac, Iain.
Air a rachadh tu dhan taigh, cha robh ann dìreach ach beatha a-staigh, agus cha robh e fada gus am faigheadh tu strùpag de thì agus bhiodh toil aice òran a chluinntinn 's òran a ghabhail is uaireannan bhiodh fìdhleirean ann.
'S e deagh thaigh airson Gà idhlig, airson ceòl agus fearas-chuideachd de gach seòrsa a bh' ann.
Tha cuimhn' agam cuideachd turas a bha sinn thall a Bhancoubhar aig Expo 86, bha i ann còmhla rinn a' gabhail òrain. Agus bha na e na iongantas dhomhsa gu robh feadhainn ann a' sin a mhuinntir Bharraigh agus as a' choimhearsnachd Ghà idhealach a th' aca an Bhancoubhar, bha iad a cheart cho eòlach oirre-se 's a bha sinn fhìn a-bhos a' seo ann an Ceap Breatainn."
Chaidh Tha mo Bhreacan Fliuch Fon Dìle a chlà radh san taigh aig Mairead bho chionn còrr air fichead bliadhna. As a' chuideachd agus a' seinn còmhla rithe bha Maighstir Ailean Mac a' Mhaoilein a bha cà irdeach do Mhairead, Sadie, nighean Mhairead, Seumas MacBhà tar agus fear-ealain, Ellison Robertson.
Dheasaich Ellison Robertson agus Seumas MacBhà tar taisbeanadh agus leabhar Sealladh gu Taobh (Art Gallery, University College of Cape Breton). 'S e leabhar de dhealbhan, òrain agus naidheachdan bho chuid de sheinneadairean is sheanchaidhean Cheap Breatainn, Mairead nam measg, a tha ann.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.