Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh Fearghasdan agus air a sheinn le: Iain Dòmhnallach (Tonkan).
This is a song written by: Murchadh Fearghasdan and sung by: Iain Dòmhnallach (Tonkan).
Tha mo spiorad cianail
Gach latha tha sa bhliadhna
'S e dh'fhà g mi òg ri liathadh
Nach fhaod mi triall do chladaichean.
Cha chluinn mi sà l rim chliathaich
A' trà thadh no ri lìonadh
'S na bà taichean ri iasgach
Gu rianail mu do chamasan.
Chan fhaic mi stamh no maorach
No 'n duilisg milis craobhach
Ged 's tric a bha mi crùbach
Gam buain far taobh nan carachan.
San fheasgar ceòthar bà ghach
Nì an eathar seòladh sà mhach
Cha chluinn mi fuaim nan rà mh aic'
No fuaim an t-sà l mun toiseach aic'.
Cha chluinn mi dìog nan cliabh aic'
Nuair bhios iad a' toirt an èisg ast'
'S na balaich bheag ag èigheachd
A' ruith 's a' leum 's iad casruisgte.

Rugadh Iain "Tonkan" Dòmhnallach, Iain Choinnich Phutar, ann am Port nan Giùran anns an Rudha, Leòdhas, air 24 Lùnastal, 1935. Oighrig Mhurchaidh Ruairidh a' Ghlinne ...
Fiosrachadh air Iain Dòmhnallach (Tonkan) / Learn more about Iain Dòmhnallach (Tonkan)Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.