Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: janice nicGuaire agus Mà iri NicAonghais.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: janice nicGuaire and MÃ iri NicAonghais.
Tha na h-uain air an tulaich a' mire san fhraoich
Far 'eil caorann a' fàs agus blà ths air gach flùr
Far 'eil caorann a' fàs agus blà ths air gach flùr
'S an loingeas a' seòladh nan cuantan.
Bean na bainnse 's a cuideachd dhan eaglais a' falbh
Ise marcachd air thoiseach 's a cruth mar a dealbh
Agus mise ga leantainn gu trom airtnealach balbh
Is mo ghrà dh dol a phòsadh fear eile.
Aig an altair na seasamh 's a fear-pòsta ri taobh
Cur an fhà inne mu meòir 's a' toirt bòidean a' ghaoil
Thuirt an gill' air a shocair, "Mo ghrà dh dhut chan aom
Ged a tha thu nis pòst' aig fear eile".
Aig doras na h-eaglais a' coimhead an triall
B' e m' ùrnaigh 's mo ghuidhe gun glèidhinn mo chiall
Mo ghrà dh dhut chan à icheadh an gaol a bh' ann riamh
Ged a tha thu nis pòst' aig fear eile.
O cladhaich an uaigh far am faigh mise tà mh
'S cur na flùran oirr' thairis 's bheir an t-Earrach orr' fas
Agus sìn mi fon ghlasaich far an laigh mi gu brà th
Cha chur nì ach am bàs i às m' aire.
Eadar-theangaiche: Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain

Rugadh Mà iri NicAonghais air 15 Lùnastal, 1964, ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...
Fiosrachadh air Mà iri NicAonghais / Learn more about Mà iri NicAonghaisCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.