Òran air a sgrìobhadh le: Niall Peutan (Niall Gow) agus air a sheinn le: Dòmhnall MacAonghais.
This is a song written by: Niall Peutan (Niall Gow) and sung by: Dòmhnall MacAonghais.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Throid a' bhean 's gun throid i rium
Throid i dona 'n raoir co-dhiù,
Thuirt i, Nèill, tha thu gun tùr,
Bliadhn' ùr agad an-còmhnaidh!
O throid a' bhean, 's gun throid i rium.
'S nuair a dhùineas iad am bà r
Thèid thu dhachaigh, 's tu cho là n;
'S ann air screw top bheir thu là mh
Bi dhà agad dhiubh 'n-còmhnaidh!
O throid a' bhean, 's gun throid i rium.
'S bi h-uile seòrsa measg a chèil'
Johnny Walker agus Haig
White Horse 's am Bulloch Lade
'S an ruma fhèin gan còmhdach.
O throid a' bhean, 's gun throid i rium.
'S tha thu sean gu leòr mar tha
Tha thu leth-cheud bliadhn' an-drà st'
Òl an t-uisg' airson do shlà int'
Is fà g na taighean-òsta.
O throid a' bhean, 's gun throid i rium.
Tha thu gearan fuachd gach lÃ
Is nach eil thu dol nas fheà rr,
Ach nach fhaigh thu cure nas fheà rr
Na bhith aig bà r a' Royal.
O throid a' bhean, 's gun throid i rium.
'S throid i riums' air dòigh neo dhÃ
'S bha fhios a' m fhin nach robh i ceà rr;
Mar sguir thu dhan deoch gun dà il
Gheibh thu bàs gun tròcair.
O throid a' bhean,'s gun throid i rium
Throid i dona a-raoir co-dhiù,
Thuirt i, Nèill, tha thu gun tùr
Bliadhn' ùr agad an-còmhnaidh!
O throid a' bhean, 's gun throid i rium.

Bhuineadh Dòmhnall MacAonghais, Dòmhnaill Ailig Aonghais Beasadh (1923-1993) do Ghearraidh-lapain aig Ceann na Coille, mu thrì mìle a-mach à Port Rìgh air rathad an t-Sruthain. ...
Fiosrachadh air Dòmhnall MacAonghais / Learn more about Dòmhnall MacAonghaisCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.