
Bhuineadh Dòmhnall MacAonghais, Dòmhnaill Ailig Aonghais Beasadh (1923-1993) do Ghearraidh-lapain aig Ceann na Coille, mu thrì mìle a-mach à Port Rìgh air rathad an t-Sruthain. Tha an dachaigh anns an do thogadh e air a chleachdadh an-diugh mar à ite anns am bithear a' coimhead às dèidh chait. Ghluais an teaghlach à Gearraidh-lapain gu York Drive ann am Port Rìgh.
Bhuineadh athair, Aonghas, don Ghleann Mhòr, mu cheithir mìle deas air Gearraidh-lapain agus b' i Mà iri NicDhòmhnaill bu mhà thair dha. Bha ochdnar de theaghlach aca.
Chaidh Dòmhnall do Sgoil MhicDhiarmaid ann an Cà rbost Sgèaboist, agus an dèidh sin do Àrd-sgoil Phort Rìgh. 'S ann aig banais a sheinn e mu choinneamh dhaoine airson a' chiad uair. Na bhalach òg choisinn e bonn airgid agus an uair sin, nuair a bha e beagan na bu shine, bonn òr aig Mòd Ionadail an Eilein Sgitheanaich.
Thà inig e a-mach a Ghlaschu ann an 1941 agus bhiodh e a' seinn aig cèilidhean ann an tallachan mar Overnewton, a bha sònraichte airson cruinneachaidhean Gà idhealach aig an à m sin.
Cha robh e ach ceithir thar fhichead nuair a choisinn e am Bonn Òr aig a' chiad oidhirp aig Mòd Pheairt, ann an 1947. Bha e na nurs ann an Ospadal an Southern General an Glaschu aig an à m agus bha e a' fuireach ann am Pà islig, agus b' e 1947 cuideachd a bhliadhna a phòs e Helen Fox, a bhuineadh do Phà islig. Bha dithis mhac aca, Raghnall agus Iain.
Bha Dòmhnall ag obair ann an Ceann Loch Gilp bho 1950 gu 1956 agus an dèidh sin ann an Ospadal Srath Eden ann an Cùbar Fìobha. Bha e greis na Phrìomh Nurs ann an Ospadal Gartloch agus an dèidh sin na cheannard air seirbheis roinneil nam banaltram, stèidhichte ann an Ospadal Leverndale anns na seachdadan, le uallach airson còrr air còig cheud luchd-obrach.
Chaidh a chlà radh airson a' BhBC an toiseach le Mà rtainn Dòmhnallach aig Mòd Ghlaschu, ann an 1967, agus tha na clà raidhean aige air a bhith a' còrdadh ri luchd-èisteachd Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal fad 40 bliadhna is còrr. 'S e 'Cò Idir Ach Mo Mhà thair' an t-òran a b' fheà rr leis fhèin a bhith a' seinn os cionn gach òran eile a bhiodh e a' gabhail.
Chaochail Dòmhnall MacAonghais ann an Ospadal Inbhir Àir, anns an t-Sultain, 1993, aig aois trì fichead 's a deich.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.