Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Ruadh Chorùna) agus air a sheinn le: niall fearghastan.
This is a song written by: Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Ruadh Chorùna) and sung by: niall fearghastan.
Fhir a shiùbhlas thar a' chuan
Gu Uibhist Tuath thar sà il
Gu tìr nam beann as à ille snuadh
Gu tìr nam bruach 's nam bà gh
Gu tìr nam fiadh, nan gèadh 's nan naosg
Far an robh mi maoth nam phà ist'
Gu tìr nan siad nach fiamh ron aog
Le faobhar anns a' bhlà r.
Innis dhaibh gu bheil mo chridh'
Air feadh nan glinn gach latha
A' dìreadh bheann is allt gun sgìos
G' eil m' aigne fhìn gun tà mh
Nam faodainn dh'fhà gainn frìth nan craobh
'S bhiodh caochladh air gach cà il
An tuagh 's an sà bh a chur a thaobh
Gun fhaobhrachadh gu brà th.
Is ged tha 'n oidhche reòdhte cruaidh
Le fuachd is cathadh-là ir
Gum b' e mo mhiann bhith dìreadh suas
Ri gualainn an t-Sròim Bà in
Gu sìninn ceum gu sunndach bhuam
Is dhèanainn duanag dha
'S a-staigh gu Breidhinis nam buadh
Gu fuaighinn e san dà n.
Ach tha mi 'n dùil ma bhios mi buan
Gun tig an uair nas fheà rr
'S gun dèan mi seòladh thar a' chuan
'S gu faic mi bhuam sibh fhathast
Na cnuic 's nan glinn 's gach sìdhean fuar
Na h-uamhannan 's na cà irn
Far 'm faic mi pà irt de luchd mo luaidh
Is uaighean luchd mo ghrà idh.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.