Òran air a sgrìobhadh le: Iain Caimbeul (Bà rd na Leideig) agus air a sheinn le: aonghas macLeòid agus Kirsteen NicDhòmhnaill.
This is a song written by: Iain Caimbeul (Bà rd na Leideig) and sung by: aonghas macLeòid and Kirsteen NicDhòmhnaill.
Togaibh a' bhratach a chlanna mo shluaigh-sa,
Togaibh le caithreim i, togaibh le buaidh i.
B' i dìleab bhur sinnsre an fhìor-fhuil gun truailleadh
A chumadh an à ird sinn 's gach càs agus cruadal.
Siud an fhuil Ghà idhealach bha ceannsgalach buadhmhor
Luchd-caitheamh an fhèilidh is breacan na guaille
Cha teicheadh ro nà mhaid 's chan fhaicte 's an ruaig iad.
'S bu là idire dh'fhà sadh mar b' à irde an cruaidh-sa.
Nuair chìte air faich' iad len deiseachan uaine,
A' siubhal an rathaid 's a' phìob a' toirt fuaim dhaibh
Ri aodann a' chatha 's rughadh nan gruaidhean
O cà ' bheil an cridhe nach tiomadh san uair ud?
'S ged seasmhach an spiorad nach pilleadh ron fhuathas
Sùil chorrach nan aodann nach faoidteadh a ghluasad
Cò shaoileadh san trà th ud an spà irn ghoirt a fhuaradh,
A' dealach' ran leannain an gleannan an uaigneis?
Faic iad a-nis fìor luchd-fine nam fuar-bheann,
Dìreadh le braise gun athadh ron uamhas;
Gach gunna ri là mhach an nà mh tighinn a-nuas orr',
Ach rinn sinn an ciosnach' ged mhill iad mo luaidh-se.
Cò 'm fear ud a chì mi na shìneadh gun ghluasad?
'N fhuil chraobhach a dìobradh 's gun aon a nì fuasgladh;
Fhalt camagach bòidheach na dhubh-lùban cuachach,
A snà mh anns a ghaoith 's gun aon-ghaoil ann bheir dual à s.
Tha 'n claidheamh 's e sìnte a-nìos ri d' chrios-guaille,
'S e fhathast a d' ghlaic tha air glasadh 's air fuaradh;
'S ma rinn thu daibh strìochdadh 's ann dìleas a fhuaradh,
'S triùir naimhdean nan sìneadh 'n uair spìon thu a d' thruaill e.
Tha am breacan bha deas ort air preasadh le ruaidhe,
Is sruthan na fala toirt dath às an uaine;
Tha d' inntinn a' sìoladh 's an rìbhinn ad smuaintean,
Is mà nran a beòil a' toirt ciùil ann ad chluasan.
'S an oidhche mun d' fhà g thu bu chrà iteach an smuain ud
Guthan rabhaidh ag rà dh nach robh dà il anns an uair dhut;
Cha b' iongnadh, a ghrà idh, ged bha thu ga d' chà radh,
Is tanasg a' bhà is, geurach fhà l ga d' thoirt bhuam-sa.
O 's truagh mi da-rìribh bhon dh'innseadh an tuairsgeul,
Mo chridh' tha air lìonadh 's mo bhàs gan sìor bhualadh;
Tha esan glè ìosal mun tric rinn mi bruadar,
'S cha chlaidheamh a mhill e, ach innleachd na luaidhe.
Is cà ch nuair thig dhachaigh le caithream 's le luath ghà ir',
Bidh mise glè fhalamh gun charaid san uair ud;
Is ghuidhinn am bàs gun mo là ithean toirt buain dhomh,
Nam faighinn gu brà th bhi ga m' chà radh san uaigh leat.

Rugadh Kirsteen NicDhòmhnaill air an 18mh den Dùbhlachd, 1983. Thogadh i ann an Inbhir Nis, ged is ann à Polnish, Loch Àilleart ann an sgìre ...
Fiosrachadh air Kirsteen NicDhòmhnaill / Learn more about Kirsteen NicDhòmhnaillCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.