Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Gilbert MacPhà il.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Gilbert MacPhà il.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
O hiùraibh ì hiùraibh,
O hiùraibh ò gheallaidh,
Bheir mi hò na hò èile,
'S e bhith rèidh riut bu mhath leam.
Toirt m' aghaidh ri Diùra
'S mo chùl ri Port Ascaig,
Shil gu frasach mo shùilean,
'S gun mo dhùil ri tighinn dhachaigh.
Nuair chuir iad air bòrd thu
Air long nan trì chrannaibh,
'S iomadh tè bha gu tùrsach,
'S deòir a' sruthadh gu talamh.
Cha chreidinn o chà ch e
Thu bhith fà gail a' bhaile,
Gus an robh na siùil bhà na
Gan cà radh ri crannaibh.
Bu tu leannan nan gruagach,
'S tu uasal is maiseach,
Gruaidhean meachair mar mhaighdeann,
Sùil an t-saighdeir fod mhalaidh.
Tha thu foghainteach là idir,
Tha thu tà bhachdach smearail,
Dol an èideadh a' Ghà idheil,
Air an trà igh bu tu 'm meangan.
Gaol peathar, gaol brà thar,
Gaol mà thar, is athar,
An gaol a thug mi cha trèig mi
Gus an tèid mi san anart.
Rugadh Gilbert MacPhà il ann am Bogha Mòr an Ìle ach thogadh e ann an taigh a sheanair am Baile a' Ghrà na. Cha robh facal Beurla ...
Fiosrachadh air Gilbert MacPhà il / Learn more about Gilbert MacPhà ilCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.