
Rugadh agus thogadh Alison Rapson (NicMhathain) ann am Bun Ilidh. Air an dà thaobh, bhuineadh an teaghlach aice don sgìre seo agus bha ceòl daonnan anns an dachaigh. Ged nach robh i fileanta sa chà nan, bha ùidh mhòr aig mà thair Alison ann an òrain Ghà idhlig, agus chionns gun robh am maighstir-sgoile taiceil dhan chà nan cuideachd, bha Alison a' seinn aig na Mòdan ionadail bho bha i còig bliadhna a dh'aois.
Choisinn i an t-Aigeallan Airgid aig a' Mhòd Nà iseanta an Inbhir Nis ann an 1966, ann am Bonn Òr ann a' Sruighlea, ann an 1971. Tha Alison air a bhith a' fuireach anns a' Bhlà r Dhubh airson iomadach bliadhna. Bidh i a' seinn aig cèilidhean is cuirmean feadh a' chinn a tuath agus tha i na ball de Chòisir Ghà idhlig Inbhir Pheofharain.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.