Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Iain MacLeòid, a' Mhorbhairne agus air a sheinn le: alison rapson, Alison Rapson agus donnchadh macCalman.
This is a song written by: An t-Urr. Iain MacLeòid, a' Mhorbhairne and sung by: alison rapson, Alison Rapson and donnchadh macCalman.
Ged a shiubhail mi cian, b' e Caol Muile mo mhiann,
Cha d' èirich a' ghrian air nas bòidhche;
B' e siud caol mo ghrà idh don tug mise bà idh
O là ithean mo leanabais is m' òige.
O b' à lainn leam riamh an caol ud ri fèath
'S e ag iadhadh mu bhuinn nam beann mòr;
Chìte beanntannan à rd', is coilltean fon sgà il
Nan à illeachd 's an gà than bha fòdhp'.
On bhìrlinn gun tà mh, chluinnte faram nan rà mh,
Na h-iorraim 's na dà in aig na seòid;
'S nuair a chasadh a' ghaoth, sin chìte na laoich
Le saod cur nan luingeas fo sheòl.
Ach tha an caol seo mar bha, is mar bhios a-ghnà th,
A' lìonadh 's a' trà ghadh gach latha,
Fo dhoininn 's fo fhèath, mar mu seach bha e riamh;
Bidh à illeachd 's gach ial ro-mhòr.
Ach air dà thaobh a' chaoil, cà ite an-diugh bheil na daoine,
Cà ite comann mo ghaoil agus m' òige?
Tha mo chaoimh-sa nan suain fo na tulaichean uaine
Far nach cluinnear gà ire cuain nas mò.
O b' à lainn leam riamh an caol ud ri fèath,
'S e ag iadhadh mu ìochdar nam beann;
An siud chì mise uam mòr luingeis a' chuain
Nan cadal gu suain air na tuinn.
Nuair bhios mòr-shluagh an t-saoghail air crìonadh le aois,
Cha bhith 'n caol ach an trèine na h-òige;
Caol Muile mo ghrà idh, don tug mise bà idh,
'S ann dhut bheir mi grà dh rim bheò.
O slà n leat, a chaoil, don tug mise mo ghaol,
Slà n leat, fhad 's tha an saoghal na shaoghal;
Caol Muile mo ghrà idh, don tug mise bà idh,
'S ann dhut bheir mi grà dh rim bheò.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Gheibh sibh dealbh air Mà iri agus Peigi Anndra ann an dà leabhar le Mairead Fay Shaw: Folksongs and Folklore of South Uist (Oxford University Press 1977, Birlinn 1999) agus From the Alleghenies to the Hebrides (Birlinn 2000).

Rugadh agus thogadh Alison Rapson (NicMhathain) ann am Bun Ilidh. Air an dà thaobh, bhuineadh an teaghlach aice don sgìre seo agus bha ceòl daonnan ...
Fiosrachadh air Alison Rapson / Learn more about Alison RapsonCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.