B' ann à Bail' a' Phuill an Tiriodh a bha an t-Urramach Eà irdsidh Dòmhnallach, Eà irdsidh Ailein. Rugadh e sa bhliadhna 1869.
Thà inig e fo bhuaidh spioradail soisgeulaiche air an robh Donnchadh Drysdale a thadhail san eilean. Chaidh a bhaisteadh leis an t-Urramach Donnchadh MacPhà rlain, am ministeir Baisteach a bha ann an Tiriodh aig an à m agus thòisich e ri saothrachadh don eaglais an dèidh sin.
Bha e ann am Bun Easain am Muile eadar 1906 agus 1912, agus ann am Bogha Mòr an Ìle eadar 1913 agus 1927. Bha e ann an Colbhasaigh aig à m a bhà is ann an 1930.
Sgrìobh an t-Urramach Dòmhnallach mòran laoidhean eile agus tha grunn dhiubh sin rin lorg anns an Gaelic Hymn Book, a chuir Comunn Soisgeulach Gà idhealach Ghlaschu a-mach an toiseach ann an 1899. Tha iad air an sgrìobhadh ann an cainnt shìmplidh, le teagasg shoilleir:
'S ann an stà ball Bhetlehèim
Rugadh ceud ghin an Àigh;
B' esan Uan neo-lochdach Dhè
'S chaidh a cheusadh nar n-Ã it'.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Seinnibh cliù an Tì thug buaidh
Air an uaigh 's air a bhà s;
'S esan Slà naigheir nam buadh
'S nì sinn luaidh air gu brà th.
'S ann air Calbhairi leis fhèin
Rinn E rèite le bhà s;
Chreach E nà imhdean gu lèir
'S rinn E èirigh 'n treas là .
Chaidh e suas air ionad à rd
Ann an Àros a ghaoil;
'S tha e tagradh ann ar 'n à it'
'S mòr a ghrà dh do chloinn-daoin'.
Bhon tha 'n obair nis aig crìoch
'S rinn E sìth airson dhaoin';
Faodaidh peacaich bhith fo dhìon
Ann a rìoghachd 's i cho saor.
Dhuibh a chreideas ann an Crìosd
Cha bhi dìteadh gu brà th;
Gheibh iad maitheanas is sìth
Siud tha' n fhìrinn ag rà dh.
Tha sinn gu mòr an comain an Oll. Dòmhnall E. Meek airson an fhiosrachaidh seo.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.