Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Eà irdsidh Dòmhnallach agus air a sheinn le: Dòmhnall Eà irdsidh MacPhà il.
This is a song written by: An t-Urr. Eà irdsidh Dòmhnallach and sung by: Dòmhnall Eà irdsidh MacPhà il.
Togaibh fonn, togaibh fonn,
Togaibh fonn leam air thalamh;
Togaibh fonn air Ìosa Crìosd
Gheall an t-sìth dhuinn a leanas.
Togaibh fonn air Ìosa Crìosd
'S dhuinn as fhiach bhith ga mholadh;
Thà inig E a nuas don t-saoghal
Chosnadh saorsa do gach anam.
'S caraid E do shean is òg
Bochd no brònach no beartach;
Gheall e à ite dhuinn leis fhèin,
Ach sinn thrèigsinn gach peacadh.
Siud an gealladh rinn dhuinn feum
'S dh'fhà g sinn treun agus neartmhor;
'S gòrach neach chuireas ris cùl
'S nach toir ùmhlachd de a reachdan.
'S ann bho Chrìosd' a gheibh sinn buaidh
Rèir ar cuairt air an talamh;
'S ma leanas sinne dhà san dlùth
Cha bhith cùram dar n' anam.
Togaibh fonn, togaibh fonn,
Togaibh fonn leam air thalamh;
Togaibh fonn air Ìosa Crìosd
Gheall an t-sìth dhuinn a leanas.

Rugadh Dòmhnall Eà irdsidh MacPhà il, Dòmhnall Eà irdsidh Eachainn Dhonnchaidh, ann an Glaschu air 23 Gearran, 1935. 'S ann à Bail' a' Phuill ann an Tiriodh a ...
Fiosrachadh air Dòmhnall Eà irdsidh MacPhà il / Learn more about Dòmhnall Eà irdsidh MacPhà ilCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.