
Buinidh an t-Urramach Iain MacLeòid don teaghlach ainmeil a thà inig bho Dhòmhnall MacLeòid aig an robh taca Shuardail faisg air Dùn Bheagain ann am meadhan na h-ochdamh linn deug. B' e Gobha Shuardail no An Gobha Mòr a chante ris, oir bha e a' dèanamh chlaidheamhan do chinn-cinnidh nan Leòdach.
Tha e air innse gur e duine crà bhach a bh' ann a bha am measg a' chiad fheadhainn a thòisich a' cumail adhradh teaghlaich an Sgìre Dhùirinis.
Phòs Gobha Shuardail Anna Chaimbeul, tè de Chaimbeulaich Scalpaigh na Hearadh. Bha co-dhiù dithis mhac agus aon nighean aca.
Bha mac aig a' Ghobha air an robh Coinneach, agus bha mac eile aige air an robh Tormod. Rugadh Tormod an 1745 agus aig aois 18 thug seanadh Ghlinn Eilge bursaraidh dha de £6.00 sa bhliadhna agus leig sin dha a dhol a dh'Obar Dheathain airson foghlam. Thug e greis na mhaighstir-sgoile an Diùranais agus an 1775 chaidh e shuidheachadh mar mhinisteir sgìre sa Mhorbhairne, far an robh e gus na chaochail e an 1824 aig aois 80.
Lean Iain athair mar mhinisteir na Morbhairne. Shaothraich e sin gus na chaochail e an 1882 is e seachad air na ceithir fichead. Bha e 6 troighean agus 7 òirlich a dh'à ird agus na dhuine eireachdail. Sagart mòr na Morbhairne a chanadh cuid ris.
Bha dlùth dhà imh aige ri dà thaobh Caol Muile oir chaidh e fhèin a thogail ann am mansa na Morbhairne agus b' ann à Muile a bha a mhà thair.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.