Rugadh Anndra Linc, Anndra Alasdair 'ic Anndra no Anndra Hòrasairigh, ann an 1900 sa Bhaile Mhòr ann an sgìre Phaibil an Uibhist a Tuath.
Air 13/10/2005, ann am prògram air Âé¶ąÉç Radio nan GĂ idheal mu Anndra, dh'innis a nĂ baidh Dòmhnall EĂ rdsaidh Dòmhnallach, Dòmhnall EĂ rdsaidh Aonghais a' Ghobha, naidheachd mun oidhche a rugadh e:
"Teaghlach Alasdair 'ic Anndra, 's e clann-nighean a bh' ann an toiseach. Bha aon cheathrar no còignear nighean ann 's cha robh gille a' nochdadh idir. 'S mar a thachair, 's ann a' bhliadhna a bha Cogadh Afraga seachad a rugadh Anndra, a' chiad ghille, an 1900.
Mar a bha an cleachdadh an uair sin, ma bha dad a' tachairt a b' fhiach a chur sìos bhathar a' dèanamh teine, bonfire. 'S bha fear ann airson Cogadh Afraga a bhith seachad, ann am mullach Creag Hà stainn.
'S bha fear a bha seo thall às a' Bhail' Àrd, thà inig e null dhan Bhaile Mhòr a dh'fhaighneachd dè an teine a bha an Creag Hà stainn a-nochd. "O an cuala tu idir? Nach eil gille aig mac Anndra!" Ma b' fhìor gur ann airson seo a bha an teine, 's cha b' ann airson Cogadh Afraga a bha e idir!"
Anns an aon phrògram dh'innis, Alasdair, mac Anndra, mar a thà inig ainm an teaghlaich an toiseach a dh'Uibhist:
"'S ann à Siorrachd Pheairt a thà inig na Lincich as an t-seachdamh linn deug. 'S e a' chiad Linceach a thà inig a seo, bha e a' teagasg ann an sgoil ann am Peairt, agus tè dhe na nigheanan a bha e a' teagasg, thuit e ann an gaol leatha sin, a rèir aithris co-dhiù. 'S ann air na Hearadh a rinn iad an toiseach. Theich iad. Cha do dh'fhuirich iad tiotan as na Hearadh nuair a thà inig iad a dh'Uibhist, agus chaidh iad a Heisgeir.
Bhiodh m' athair ag rà dh rium gur e maighstir-sgoile agus ceistear a bh' ann, agus bhiodh am bodach an còmhnaidh, nuair a bhiodh e ag innse do dh'fheadhainn mar fealla-dhà , bhiodh e a rà dh gur iad a thug a' sgoil agus a' soisgeul a dh'Uibhist."
B' ann à Heisgeir a bha mà thair Anndra agus bhiodh e tric ann air là ithean-saora nuair a bha e na bhalach. Nuair a bha e na bu shine, ghabh e fhèin fearann ann agus thug e ceithir bliadhna a' croitearachd air Heisgeir.
Nuair a bha Anndra 24 chaidh e fhèin agus a bhrà thair Uilleam a dh'Astrà ilia, a dh'obair ann am mèinnean òir an Kalgoorlie-Boulder agus an Coolgardie. Mar a dh'innis Alasdair:
"Nuair a chaidh e a dh'Astrà ilia an toiseach, 's ann air an taobh an ear de dh'Astrà ilia, 's ann a chaidh am bà ta, agus choisich e tarsainn Astrà ilia chun an taobh an iar. Thug e ùine mhòr ris gun teagamh. Bha duine na dithis a' coiseachd is cha robh iad ach a' gabhail beagan obair far am faigheadh iad e.
Bha e 24 nuair a chaidh e a-null. Chaidh e fhèin agus a bhrà thair a-null is dh'fhuirich a bhrà thair thall. Bha mèinn aca fhèin agus an t-adhbhar a thà inig m' athair dhachaigh, bha eilean Bhà laigh ga reic. Agus thà inig m' athair dhachaigh airson deal a dhèanamh, dìreach airson an t-à ite a cheannachd. 'S bha Uilleam a bhrà thair gus tighinn a-nall còmhla ris an uair sin.
Thachair Uilleam ri boireannach agus dh'fhuirich e thall. Cha tà inig e nall idir. Phòs Uilleam thall agus dh'fhuirich e thall. Agus mar sin cha do cheannaich iad Bhà laigh co-dhiù. 'S ann an uair sin a cheannaich m' athair Hòrasairigh.
Bha e air siubhal, 's bha e air tòrr fhaicinn, 's tha mi smaoineachadh gu robh e toilichte gu leòr nuair a fhuair e air ais a dh'Uibhist dìreach settligeadh ˛őì´Ç˛ő."
Thill Anndra a dh'Uibhist ann an 1939 agus chun an à ite air an robh e air ainmeachadh leis a h-uile duine a bha eòlach air, Hòrasairigh, pà irt de bhaile Chnoc a' Lìn air taobh an iar Uibhist a Tuath.
Phòs e Mà iri Dhòmhnaill Iain à Heisgeir. Bha cuimhne aig a nà baidh, Dòmhnall Eà rdsaidh Dòmhnallach, air fhaicinn airson a' chiad turas:
"A' chiad chuimhne a th' agamsa air Anndra, 's ann aig banais air Cladach a' Chaolais agus thà inig a' fear a bha seo is e air tilleadh à Astrà ilia 's ghabh e dhà na thrì òrain 's bha iad math cuideachd.
Bha cuimhne mhath aige air òrain, a bharrachd air an fheadhainn a bhiodh e fhèin a' dèanamh. Tha cuimhne agam e ag rà dh rium nan cluinneadh e òran dìreach aon uair gun deigheadh aige air a sheinn an oidhche sin fhèin gun dad a sgrìobhadh. Chumadh e cuimhne air òran na b' fheà rr na chumadh e cuimhne air rud sam bith eile."
Tha Dòmhnall MacCarmaig pòsta aig Katie, nighean Anndra, agus aontaichidh e gu robh cuimhne neo-cumanta math aig athair cèile:
"'S e duine iongantach a bh' ann. Bha cuimhne aige a bha dìreach math is an ceann a bh' aige cuideachd. Bha e cianail tigheach air cèilidh no daoine bhith timcheall air air an oidhche, seachd à raidh aig a' weekend, oidhche Haoine.
'S bhiomaid a' dol a null a Westford oidhche Haoine, bhiodh Eà irdsidh Chnoc an Torrain 's crowd againn a' dol a-null, 's bhiodh e gu math toilichte a' sin. 'S an uair sin thilleamaid chun an taigh, 's bhiodh cèilidh beag againn a' sin 's bhiodh e a' seinn."
Duine fiosrach. Nam biodh e air chance fhaighinn is a dhol dhan Oilthigh no rudeigin bha ceann math air is cuimhne mhath aige."
Cha do chuir Anndra an còrr dhe bheatha seachad an Uibhist idir. Thug e grunn bhliadhnaichean an ceann a chosnaidh air tìr-mòr, mar dh'innis a nighean bu shine, Katie:
"Bha e an còmhnaidh ag obair, an còmhnaidh trang, an còmhnaidh aig mòine no bha eich aige, 's bhiodh e a' falbh a h-uile madainn mar sin, 's bhiodh e 's dòcha beul na h-oidhche nuair a thilleadh e.
Dh'fhalbh sinn an uair sin. Dh'fhalbh sinn a Cheann Loch Gilp, 's dòcha an 1947, 's bha sinn ann an sin 's an uair sin chaidh sinn a dh'Otter Ferry. Bha e ag obair a' sin aig tuathanas mòr, Baile Mòr Home Farm. Bha sinn a' sin trì bliadhna 's thill sinn air ais a dh'Uibhist an uair sin ann an 1951."
Cha robh croitearachd ach doirbh aig amannan, mar a ghearain Anndra ann an aon òran:
Falbhaidh mi 's chan fhuirich mi
Is sguiridh mi de dh'Ă iteach;
Ma gheibh mi Ă ite 'n Uibhist
Far am bi bĂ gh a chumas bĂ ta.
Aig cho mòr 's gu ruamhar mi
Is cunntais chruach gun Ă ireamh;
Chaidh phĂ igh am bĂ rr am buachaille
No EĂ irdsidh Ruadh 'an ThĂ illeir.
Tha am bliadhna mar bha 'n uiridh
Is cha b' uilear ged a b' fheĂ rr i
Mi freasdal ìm is uighean
Agus gruitheam le buntĂ ta.
B' e Eà irdsidh Ruadh marsanta na sgìre.
Bha Anndra agus Murchadh MacCumhais, Murchadh a' Mhachaire, pòsta aig dithis pheathraichean is le sin bha Murchadh eòlach air Anndra:
"Fìor fhear cuideachd a bh' ann 's fìor fhear cèilidh. Cha robh e uabhasach à rd idir ach bha e cho leathann, duine leathann, cnuaiceach, garbh, agus bha cnà mhan air cho garbh 's a chunna mi air duine riamh. Agus bodhaig.
Bha e iongantach math air putadh a' pheileir nuair a bha e òg. Bha neart na là mhan 's na ghuailnean gu nà darra. 'S bha e uabhasach là idir.
Bha mi smaoineachadh gu robh gibht uamhasach aig Anndra do dhuine nach d' fhuair sgoil mhòr. Dh'fhà g e an sgoil mar a rinn sinn uile nuair a bha e 14, ach bha gibht aige airson bà rdachd. Dhèanadh e òran cho furasta 's a bhiodh e do dhuine eile a leughadh. Agus bha faclan aige nach robh ann am bitheantas ann a' seo gan cleachdadh idir.
Dhèanadh e bà rdachd air rud sam bith. 'S minig a rinn e pìos bà rdachd air bòidhchead an eilein as an robh e, Uibhist agus Heisgeir, agus rudan dhan t-seòrsa. Agus dhèanadh e bà rdachd a' dì-moladh cuideachd. Chan fhà illicheach sin air. Nam biodh duine ann a rachadh a-mach air, cha bhiodh strì sam bith air do chuir nad à ite fhèin."
Dh'innis Anndra fhèin mu thuras a bha e air a ghonadh le rud a thachair dha an t-Heisgeir:
"Nuair a bha mi a' fuireach ann a' Heisgeir fhuair mi dèile air a' chladach, dèile teakwood, ceithir troighean fichead a dh'fhad, naoi òirlich a leud, 's dà òirleach a thiughad. Chaidh agam air a slaodadh os cionn a' mhuir-là in co-dhiù.
'S chaidh mi latharna-mhà ireach ga h-iarraidh leis a' chart. Cha robh sgeul oirre. Bha giomadairean a-muigh 's chaidh mi far an robh iad feuch a faca iad i. 'S chan fhaca duine. Bha fhios agam nach d' fhalbh i leatha fhèin 's i os cionn a' mhuir-là in. Thà inig mi dhachaigh.
Mo mhìle mallachd-sa gu buan
Aig neach a ghluais an dèile;
'S mallachd Dhè nuair thèid e bhuainn
Ga ruagadh bho na h-èibhlean.
Gun cĂąm e riumsa aghaidh bhlĂ th
Bhon fhuair a' SĂ tan greim air,
Ach gheibh e thuarastal aon lĂ
'S am blĂ ths is math a thoill e.
Fhir a shanntaich an t-olc
'S a bhrist an t-ochdamh Ă ithne,
Na smaoinich riamh air na thig ort
'S air d' anam bochd neo-bhĂ smhor?
Gur miosa leams' thu na bhrĂąid
Bhon fhuair thu cunntais thĂ lant
Ach 's olc a feum a rinn thu dhiĂą
Ma chuir thu thĂąs air meĂ irle.
Ach ma bha Anndra aig amannan geur air a theanga, bha e cuideachd là n spòrs is fealla-dhà mar a tha ri fhaicinn anns an òran a rinn e turas is bò mharbh air tighinn air a' chladach 's e cur às leth gach duine a bha an t-Heisgeir gu robh iad ag iarraidh pìos dhan bhoin:
Nuair a nochd mi ris a' bhearradh
Thionndaidh fĂ ileadh grod mo stamag;
'S cò bha shìos aice ga gearradh
Ach mo charaid, Seonaidh Sheumais.
Bha receiver a' glaodhaich
"Trobhadaibh 'illean, 's gearraibh caob dhith!"
'S e le chrògan feadh na maodal
Toir nan caolan às a' chèile.
Dh'èigh MacÀidh 's e na fhallas
Chan eil aist' ach fĂ ileadh fallain;
Nam biodh agams' sgèile salainn
Chuirinn baraille gu feum dhith.
Mar a thuirt Murchadh MacCumhais, "Fìor fhear cuideachd a bh' ann 's fìor fhear cèilidh." Cha robh dad a chòrdadh cho math ri Anndra na cuairt a ghabhail dhan "an taigh biorach" mar a bh' aige air taigh-seinnse Westford, drama na dhà a ghabhail an sin agus cèilidh taighe an dèidh sin.
A bharrachd air na h-òrain aige fhèin bhiodh e a' seinn na h-òrain aig bà ird leithid Mà iri Mhòr nan Òran, Iain MacCodrum agus Donnchadh Bà n Mac an t-Saoir. Bha e math cuideachd air a dhol an ceann seinn nan Salm.
Tha Dòmhnall MacCarmaig taingeil airson nan oidhcheannan a bha e na chuideachd:
"Tha mi smaoineachadh gur e seo deireadh a' seòrsa saoghal a bha sin 's tha mise toilichte gun fhaca mi sin, far am biodh cèilidh agad agus am bà rd fhèin a' seinn.
Tha cuimhn agam ait' eile far am biomaid a' dol, 's bha mi fhìn 's e fhèin 's bha oidhche sgoinneil againn shuas air an Druim Dubh còmhla ri Eòghainn Fhionnlaigh agus Eilidh, 's bha Anndra a' seinn an oidhche a bha sin. Tha mise toilichte gu faca mi beagan dhan t-saoghal a bha sin man deach e à bith."
Chaochail Anndra Hòrasairigh ann an 1969, aig aois 69. 'S dòcha gur e an t-òran a rinn e an Astrà ilia, is e ag ionndrainn Uibhist, an t-òran leis is trice a chluinnear an-diugh.
An t-eilean beag lurach ma thuath
'S e 'n t-eilean beag lurach tha bhuam,
'S a dh'aindeoin na chunnaic 's na chì mise tuilleadh
Chan iarrainn-s' ach Uibhist ma Thuath.
Gach neach a bha riamh ann a' tĂ mh
Chan iarradh e falbh Ă s gu brĂ th;
B' e mhiann is a shòlas bhith ann fhad 's bu bheò e
'S a chà radh fon fhòd ann aig bà s.
Copyright © 2015 Âé¶ąÉç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.