
Rugadh Aonghas Dòmhnallach, Aonghas Ruaraidh Eòghainn, ann an Cliuthar, ann am Bà igh na Hearadh, air 11 Sultain, 1948. B' i Mòrag Aonghais Dhòmhnaill à Cùl na h-Àirde, ann an Àird Àsaig, a mhà thair agus bha aon phiuthar aige, Seasaidh, a tha an-diugh pòsta ann an Colam.
Bha athair Aonghais, Ruaraidh Eòghainn, e fhèin math air seinn agus bha e fìor eòlach air òrain na sgìre. Bhiodh e tric a' seinn aig bainnsean agus anns na taighean cèilidh agus chaidh a chlà radh le Sgoil Eòlais na h-Alba agus leis a' BhBC. B' ann bhuaithe-san a fhuair Aonghas a' chiad ionnsachadh air òrain nam bà ird Hearach.
Chaidh Aonghas do Bhun-sgoil Chaolas Stocanais agus às an sin do Sgoil Sir E. Scott air an Tairbeart. An dèidh an sgoil fhà gail chaidh e do Cholaiste an Àiteachais, ann am Baile Mac Ara, airson trì bliadhna.
Thill Aonghas air ais do na Hearadh agus bha e greis ag obair còmhla ri companaidh a bha togail thaighean-comhairle air an Tairbeart. An dèidh sin bha e ag obair an cois fear eile mar pheantair agus a' cumail suas nan taighean-sgoile anns na Hearadh. Chaidh e an uair sin a dh'obair a dh'Inbhir Nis, far an robh e an ceann a chosnaidh mar fhear-reic vending machines.
Bha iarraidh mhòr air Aonghas mun à m seo aig cèilidhean anns gach à ite air feadh na Gà idhealtachd agus anns na bailtean mòra. Bha e tric ri chluinntinn air rèidio agus bha e air nochdadh air a' phrògram telebhisean, 'S e Ur Beatha.
Chaochail Aonghas ann an Ospadal na Rathaig Mhòir, ann an Inbhir Nis, air 20 Gearran 1976, aig aois 27, an dèidh a bhith ann an tubaist carbaid. Bha e air a chaoidh gu mòr, fiù 's le feadhainn nach robh eòlach air.
Bha guth là idir, ceòlmhor aige agus bha gach facal anns gach òran cho soilleir dhan fheadhainn a bha na èisteachd ri bhith gam faicinn sgrìobhte air pà ipear mun coinneamh. Bha stoidhle aige a bha sònraichte dhà fhèin agus bha e blà th, cà ilear, eirmseach, mar dhuine.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.