Òran air a sgrìobhadh le: Alasdair MacFhearghais agus air a sheinn le: Aonghas Dòmhnallach.
This is a song written by: Alasdair MacFhearghais and sung by: Aonghas Dòmhnallach.
Nuair a chrìochnaich do thuras chaidh fios thugainn gu luath,
Le wireless na neòil thug an sgeòil gu air cluas,
Gum bu duilich do chà irdean 'n uair a thà inig an uair,
Thu bhith fada bho d' mhà thair air do chà ireadh san uaigh.
Na robh d' uaigh aig an dachaigh mar bu mhath leinn gu lèir,
'S mi gu ruigeadh an t-à ite far 'n do chà radh thu fhèin,
Bheirinn greiseag a' caoineadh son saoirsne dhomh fhìn,
'S ged nach togainn on bhàs thu, cha robh 'n à ithn' dhomh a-rèir.
Nuair bhios balaich a' bhaile dol a-mach 's iad nan treud,
Bidh mo chridhe-sa sgà ineadh mar a dh'fhà g thu mi fhin,
Cha b' e èis no do mhà thair a dh'fhà g sinn o chèil',
Ach an gealladh bh' ann dhomhsa a bhith beò às do dhèidh.
'S nuair bhios cà ch 's iad nan cadal 's ann bhios m' aire-sa thall,
An Ameireaga a chrà idh mi, 's thug am bàs dhomh ron à m,
'S e bhith smaointinn do chà ireadh 's gun do mhà thair air cheann,
Neo neach dhèanadh stà th dhut nuair a thà inig an t-à m.
'S tha d' uaigh air a còmhdach aig na h-eòlaich tha thall,
Le flùraichean bòidheach dhe gach seòrs' a tha 'n gleann,
Tha litir an glainne 'g innse mar thachair dhut ann,
Le operation na dunaich dh'fhà g leann-dubh air mo cheann.
Bhrist' thu cridhe do mhà thair latha a dh'fhà g thu dol ann,
Thug thu pòg le do ghrà dh dhith, 's chrath thu là mh aig an à m;
'S thuirt thu rithe nam bu bheò thu, nach biodh do dhà il-sa fad thall,
Cò an cridhe nach leònadh, cainnt do bheòil 's gun thu ann.
Ach tha mi 'n dòchas a Chrìosd 's a' Fear Riaghlaidh na glòir,
Nach caill mi dhut d' ìomhaigh no briathran do bheòil,
Tha do dhealbh air a tharraing 's bithidh i agam rim bheò,
Dh'fhà g thu leth ri mo chridhe, 's mi sileadh nan deòir.
'S nì mise co-dhùnadh a' toirt ùmhlachd don bhà s,
Oir 's e Dia os air cionn nì ar stiùireadh 's gach ceà rn,
Na robh fios againn uile air crìoch ar turas san à it',
Bhiodh sinn tric air ar glùinean dèanamh ùrnaigh son grà s.

Rugadh Aonghas Dòmhnallach, Aonghas Ruaraidh Eòghainn, ann an Cliuthar, ann am Bà igh na Hearadh, air 11 Sultain, 1948. B' i Mòrag Aonghais Dhòmhnaill à Cùl na h-Àirde, ...
Fiosrachadh air Aonghas Dòmhnallach / Learn more about Aonghas DòmhnallachÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.