Rugadh Aonghas MacIllFhaolain, Aonghas Lachlainn, san Dùbhlachd 1912. B' e bu shine den teaghlach a bha aig Lachlainn Beag mac Aonghais 'ic Alasdair agus aig Seonag, nighean Ruaraidh 'ic Aonghais 'ic Ailein à Beinn na Fadhla. Bha a dhachaigh ann an Taigh a' Ghearraidh agus chaidh e don sgoil sa bhaile, far an do dh'fhà g aon thidsear là rach maireannach air, mar a dh'innis e fhèin air Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal air 18/07/1989:
"Tha cuimhn' agam nuair a bha mi a' dol dhan sgoil an Taigh a' Gheà rraidh, bha sinn as an rùm ris an canadh iad an classroom an uair sin. Bha mi air a' chlas a b' à irde.
Co-dhiù bha sinn a' losgadh air seinn Ho Rò Mo Nighean Donn Bhòidheach, is bha an tidsear, cha robh an gnothach a' còrdadh rithe idir.
'S chaidh i null timcheall ceann sreath nan gillean, is ghabh i suas fad an t-siubhail gus an do rà inig i mo chùl. 'S chuir i là mh air mo ghualainn agus "Sssssssssssssshhhhhhhhh!"
Sguir mise an uair sin, 's cha do rinn mi bìog tuilleadh."
Chaidh Aonghas do Sgoil Cheann a' Bhà igh airson trì bliadhna. Sin nuair a bhuail an cianalas e, an aon uair na bheatha:
"Fhuair mi bursairidh, 's thug iad orm fuireach shìos an Ceann a' Bhà igh 's bhuail an cianalas orm an uair sin. Feadhainn eile a' dol dhachaigh air baidhsagalan a Thaigh a' Gheà rraidh 's chan fhaighinn-s' às a' siud.
Dh'fhalbh e dhìom an uair sin, is cha robh cianalas a-riamh tuilleadh orm."
Nuair a dh'fhà g e an sgoil, 's dòcha nach ann dha dheòin a chaidh e a chuideachadh athair le obair fearainn agus sprèidh. Mar a sgrìobh e fhein:
"Thòisich mi glè òg a' coiseachd an dèidh seisreach agus grèim air fuaintean a' chruinn an à m an earraich, air neo tarraing speal tro arbhair an à m an fhoghair."
Nuair a bha e mu aois 24, fhuair e air falbh à Uibhist a Tuath. Rà inig e Glaschu far an d' fhuair e a-mach nach robh obair cho pailt. Ghabh e cosnadh air bà ta a bha a' dol a dh'Amaireaga:
Ris a' mhate gun d' rinn mi bargan
Gum falbhainn leis a sheòladh,
Air cuilean nan tonn garbha
Dam b' ainm an California.
Rinn e trì no ceithir a thursan oirre mus deach e gu ruige Lunnainn agus, an ceann ùine, a dh'obair do Sheirbheis nan Taighean-solais mun cuairt cladaichean Shasainn.
Ged a chòrd an obair sin gu math ris, an ceann còig bliadhna no mar sin, bha e a' sireadh obair eile:
"Smaoinich mi gum feuchainn obair eile fhaighinn, gun an còrr dhem bheatha chur seachad air sgeirean agus eileanan beaga, agus ghabh mi obair nam chlèireach aig na cidheachan an Lunnainn."
Thug dìth slà inte air tilleadh a dh'Uibhist, far an robh e a' croitearachd còmhla ri bhrà thair Ruaraidh agus a phiuthar Raonaid.
A' bruidhinn mu bhà rdachd air Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal air 18/07/1989 thuirt Aonghas:
"Uaireannan tha e mar gum biodh sibh a' toirt às a chèile ceirthle de shnà th air a suaineadh. Tha e an taobh a-staigh dhiubh, is feumaidh sibh fhaighinn a-mach air dòigh a choireigin. Uaireannan a thig e glè mhath, uaireannan eile nach tig. Corra uair a dh'fheumas mi tilleadh air ais thuige."
Tha grunn de dh'òrain Aonghais air an seinn an-diugh, mar eisimpleir 'Eilean Uibhist mo Rùin' a rinn e, bha e smaoineachadh, agus e as na h-Eileanan Scilly, 'Deà rrsadh Gealaich air Loch Hòmhstadh' a rinn e thairis air dà oidhche 's e as an leabaidh aig an taigh an Taigh a' Gheà rraidh, "sia ceathramhan a-raoir agus sia eile a-nochd" mar a thuirt e fhèin. Rinn e 'Bu Chaomh Leam Bhith Fuireach an Uibhist Bheag Lurach' mu 1937/38 ann an Glaschu.
Chaidh a' bhà rdachd aig Aonghas Lachlainn a chruinneacheadh san leabhar Beagan Bà rdachd à Uibhist a Tuath a dheasaich agus a chlò-bhuail Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath.
Chaochail Aonghas ann an 1995.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.