Bha Calum MacAoidh, Calum Ruairidh Bhà in 'ic Chaluim, agus a bhean, Catrìona NicDhòmhnaill à Barabhas Iarach, a' fuireach aig 49 Brà gar a Deas.
B' e am mac a b' òige a bha aig Ruaraidh MacAoidh, a rugadh an 1822 aig 49 Brà gar a Deas agus Catrìona NicAmhlaigh a bhuineadh do 57 Brà gar a Deas. Bha ceathrar chloinne aca, Catrìona, Mà iri, Iain agus Calum a rugadh air 29 Iuchar 1866.
Tha ceithir eisimpleirean den bhà rdachd aig Calum anns an leabhar Bà rdachd Leòdhais a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1916. Sgrìobh Iain N. MacLeòid, an neach-deasachaidh mu dheidhinn:
"'S iomadh litir Ghà idhlig air a deagh sgrìobhadh a fhuair sinn à Leòdhas bhon do thòisich sinn ri cruinneachadh bà rdachd an eilein sin, ach thug sinn an urram airson pongalachd sgrìobhaidh sa Ghà idhlig don neach air a bheil sinn a' dèanamh iomraidh sa chunntas seo - Calum MacAoidh. Na choigreach do na goireasan sin a tha aig clann an à ite an-diugh, tha e gu mòr ri mholadh airson oidhirpean araon ann am bà rdachd agus anns an t-saothair gun deachaidh e airson a bhith comasach air a' chà nan fhèin a sgrìobhadh agus a leughadh."
Tha an comas cà nain a bha aig Calum ri fhaicinn gu soilleir ann an 'Òran na Muille', a rinn e do Mhuileann nan Gobhaichean air Allt nam Breac ann a' Siabost a Deas, muileann a tha air a dèanamh an-à irde às ùr leis a' Shawbost Norse Mill Society.
A' mhuileann a dh'fhà gadh na tà mh bho chionn fhada,
'S ann a chithear gu h-aithghearr bhith tarraing a' ghrà in thuic';
Cha tèid muinntir Àrnoil gu brà th chun a' Chaiseil,
'S gu faicear na cairtean bhon Chachaileith Bhà in aic'.
Toiseach na bliadhna gu faighear fir-iasgaich,
A' cruinneach' na dh'iarras i dh'iarann don cheà rdaich,
Bidh mise le m' chliabh a' toirt thuice na crèadhadh,
'S mun sguir iad ga liacradh chan iarradh tu sgà than.
Nuair thèid an roth ùr innt', gu meil i co-dhiù dhuinn,
Le sailean is cùb a rèir tùr nam fear-ceà irde,
Tha tè air gach taobh dhith a thèid chun a' bhùbaidh,
Mur bi iad cho siùbhlach gu smùideadh na cà thaidh.
Mur freagair an dam aic' gun cuir sinn roth-gaoith innt',
Sin pà taran grinn far na Galltachd a thà inig.
Chan fhada gu seall sinn nach eil sinn cho millte
An eanchainn ar cinn 's a tha muinntir ag rà idhtinn.
'S ann ri croitearachd a bha Calum fad a bheatha agus tha e follaiseach bhon bhà rdachd aige gu robh beachdan là idir aige air ceist an fhearainn:
Bha dùil aig Lord Lòbhat
Gum faigheadh e òigridh
Bha tapaidh gun fhòtas
Fo chòmhdach nam beann;
Ach fhuair e chuid mhòr dhiubh
Bhon dachaigh air fògradh
A' cosnadh am beòshlaint
'S a' còmhnaidh measg Ghall.
Mi 'n dòchas nach fhada
Gum faicear an latha
Gun fèidh air na beannaibh
'S na srathan fo bhà rr.
'S na h-uile fear againn
Na thuathanach fearainn
'S gun uibhir ga cheannach
Leinn thairis air sà l.
Agus a-rithist ann an 'Ã’ran nan Coitearan':
Carson a rugadh sinn a-riamh
Mur d' ullaich Dia bith-suas dhuinn,
'S am fearann fàs fo chaoraich bhà n
A dh'Ã ithn' E thoirt don t-sluagh seo.
Chan fhaigh iad fois no sìth gu brà th
Gun tà rr iad thar a' chuain sinn,
A-null don dùthaich a dh'fhà g mòr thùrs'
Air iomadh fiùran buadhach.
Gun cuir iad sinn a-null thar sà il
Bho thìr na mà thair uasail
An tìr a dh'à raich na fir threun
Nach gèilleadh anns a' chruadal.
An tìr a dh'à raich sinn nan dèidh
An trèig sinn i cho suarach?
Is ged a thigeadh arm an rìgh
Cha strìochd sinn am fuil fhuar dhaibh.
Tha e follaiseach cuideachd bho òrain leithid Òran a' Mhagarine agus 'Òran a' Bhiuthagain' gu robh Calum Ruaraidh Bhà in là n dibhearsain:
Dh'fhalbh mi mach feadh na h-oidhche
Gun solas gun soills' ach rionnagan;
Shaoil leam gu faca mi taibhs',
Gu dè bha ann ach biuthagan!
Ged nach robh teaghlach aige fhèin agus aig Catrìona lean a' bhà rdachd ann an daoine a bha cà irdeach dha.
Bha a phiuthar Catrìona pòsta aig Aonghais a' Chaiptein, agus b' e am mac, Ruaraidh Mac a' Ghobhainn a thug bliadhnaichean air a' phoileas an Glaschu a sgrìobh an t-òran Tom an t-Searraich.
Bha a phiuthar eile, Mà iri, pòsta aig Cailean Chaluim am Brà gar agus b' e mac leotha-san, Ruaraidh Chailein a thug bliadhnaichean mòra air a' phoileas ann an Lunnainn, a rinn an t-òran 'Brà gar an Taobh Siar'.
Tha e coltach gur ann aig Calum Ruaraidh Bhà in a bha an taigh mu dheireadh le teine am meadhan an là ir am Brà gar a Deas.
Chaochail e sa bhliadhna 1940.
Tha sinn an comain Aonghais MhicLeòid à Brù agus Dòmhnall A. Mac a' Ghobhainn ann an Twechar airson an cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.