
Rugadh Ruaraidh Mac a' Ghobhainn, Ruaraidh Aonghais a' Chaiptean, aig 23 Brà gar a Deas, air taobh siar Leòdhais ann an 1894. Bha a phà rantan, Aonghas Mac a' Ghobhainn agus Catrìona NicAoidh, le chèile à Brà gar agus bha ochdnar chloinne aca, sianar bhalach agus dithis nighean.
Cha robh Ruaraidh ach na ghiulan òg nuair a thog e air a Ghlaschu agus, coltach ri iomadh Gà idheal eile roimhe agus às a dhèidh, chaidh e air a' phoilis. Cha do dh'atharraich e a chùrsa a thaobh obair an dèidh seo, agus rà inig e ìre fear-sgrùdaidh anns a' Mharine Division mus do leig e dheth a dhreuchd.
Phòs e Raonaid Mitchell à Siabost a Deas, piuthar de dh'Iain Mitchell aig an robh companaidh bhusaichean ainmeil ann a' Steòrnabhagh. Bha triùir mhac aca, Anndra, Dòmhnall agus Niall. Thog iad an teaghlach ann an Glaschu.
B' e duine carthannach, eirmseach a bh' ann a' Ruaraidh. Cha toireadh e fad sam bith rannan a chuir ri chèile am Beurla, a' tarraing às a cho-obraichean airson rudan a rinn iad, no rudan a thachair. Bha e anabarrach dèidheil air gà irnealaireachd, aig aon à m a' fàs am pailteas glasraich is buntà ta air allotment faisg air an dachaigh, a bharrachd air gà rradh eireachdail a chruthachadh timcheall an taighe.
Biodh e a' frithealadh cruinneachaidhean agus cèilidhean Gà idheil a' bhaile agus gu dearbha 's ann an Ghlaschu a chaidh Tom an t-Searraich a sheinn airson a' chiad uair riamh. Bha Ceitidh Anna NicGillEathain (Ceitidh Anna Chailein Aonghais Iain) à 17 Ceann a Deas Bhrà gair, a choisinn Bonn Òr a' Chomuinn Ghà idhealach ann an 1938, air mhuinntireas an Glaschu agus, goirid an dèidh do Ruaraidh an t-òran a sgrìobhadh, thug e dhith e agus sheinn i e aig cèilidh ann an aon de thallaichean mòra a' bhaile.
Ann an òran eile a rinn Ruaraidh, 'Smuaintean air Là ithean m' Òige' tha Tom an t-Searraich cuideachd air ainmeachadh:
Tha osag na gaoithe air call a h-anail
Tha tonn na mara gun bheuc,
Na luinn air a' bheinn, le sgoinn is cabhaig
Cha chluinn thu na casan a' leum;
Gach uiseag ri seinn, fonn nam broilleach
Le aoibhneas madainn an Cèit',
Ri brosnachadh m' inntinn sealltainn thairis
Air saoibhreas bh' agam an-dè.
Chì mi gu cinnteach Tom an t-Searraich
Am fonn a mhealas mo spèis;
Bu rìoghail mi ann na Prionns' na cathrach
Gun chuing, gun ghearan, gun èis,
Gun eòlas air bròn, gun leòn, gun ghalar
Gun phròis gu falach nam brèid,
'S bu luachmhor nan t-òr an stòras bh' agam
An òige 's fallanachd crè.
Bhà saich Ruaraidh ann an 1954 an Glaschu agus chaidh a thiodhlacadh ann an Lìonagaigh, am Brà gar, mar a dh'iarr e:
Ach 's e mo mhiann aig crìoch mo latha
Laighe sìos le mo chiad ghrà dh
Ann an Lìonagaigh ri tà mh,
Leabaidh bhà n ri sà il na mara.
Tha sinn an comain Anndra Mac a' Ghobhainn, mac a' bhà ird, airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.