Rugadh Ciorstaidh Nic a' Phì ann am Baile Gharabhaidh as an Ìochdar an Uibhist a Deas ann an 1914. Bha ceathrar san teaghlach, i fhèin, Mà iri, Eà rdsaidh agus Aonghas Iain agus b' e an Dùn a chante ris an taigh aca.
Chaidh Ciorstaidh an Dùin gu Bun-sgoil an Ìochdair ann an 1919. An dèidh sin chaidh i gu Àrd-sgoil Dhalabroig agus gu Sgoil a' Ghearastain ann an Loch Abair far an do sgrìobh i a' chiad òran air a bheil lorg an-diugh:
Gur mi bha mì-shunndach nuair nochd a' Lochmòr;
'S e mo cheum nach robh eutrom an à m dhol air bòrd,
A' fà gail an Dùin is na daoine bha còir
Aig am faighte gach coibhneas, gun fhoill is gun phròis.
Fhad 's a bha i cur char feadh nam mòr-thonnan gorm
Bha mo smaointean a' tionndadh gu là ithean a dh'fhalbh,
Nuair bha mi nam phà iste gun chùram gun chearb
An saoghal mar ubhal leam nach fhaodadh fàs searbh.
Chaidh Ciorstaidh gu Colaiste Notre Dame an Glaschu far an do chrìochnaich i ionnsachadh ceà ird neach-teagaisg anns an Ògmhios, 1936. Thug i a' chiad dhà neo trì bhliadhnaichean an dèidh seo ag obair air taobh siar Alba.
Thill i a dh'Uibhist gu Sgoil Dhalabroig mu à m an Dà rna Cogaidh agus 's ann mun à m seo a rinn i Òran na Rations mu bhaidsealar anns an Ìochdair aig an robh tà ire marsanta a lorg a ghabhadh na coupons aige. Rinn i òran eile 'Coinneamh nan Cearc' mun ghrà n mun à m seo cuideachd, nuair a bha biadh agus sìol gann. A rèir an eachdraidh, chaidh poca sìl a dhòrtadh, gu tubaisteach, air beulaibh taigh Ailein Mhòir agus chaidh daoine a-mach air a chèile mun chall a bha seo. Chuir Ciorstaidh an trod am beul cearcan a' bhaile:
Ghearain cearc a' mhinisteir, "Cha bheir mi tuilleadh ugh!
Chan fhada bhios aon it annam - mo chìrean air fàs dubh;
Tha m' ìnean fhein air dìreadh is gu dearbh chan iongnadh leam
A' sgrìobadh smùrach lofaichean‚ 's buntà ta mosach pronn."
Bha cearc-ghuir an t-sagairt ann, is sianar aic' a chloinn;
Mhionnaich i gu daingeann nach deach grà inean riamh na broinn;
"Chan fhaigh sinn ach min-choirce còmh' ri fras na cuiseig ruaidh
'S bheirinn mo chnà imh-pòsta air aon dòrnan de ghrà n cruaidh."
Ann an Sgoil Dhalabroig thachair Ciorstaidh air Ailig Iain MacAoidh a bha na mhaighstir-sgoile ann. Phòs iad ann an 1948 agus chaidh iad a dh'fhuireach don taigh-sgoile an Gearradh na Mònadh far an robh an dithis aca air obair fhaighinn.
Bha triùir de theaghlach aca, ach, gu duilich, bhà saich a' chiad mhac. Tha mac eile, Mgr Dòmhnall, an-diugh na shagart anns an Òban agus tha a bhrà thair, Alasdair, fhathast san dachaigh an Uibhist.
Leig Ailig Iain dheth a dhreuchd ann an 1970 agus, san aon bhliadhna, ghluais an teaghlach gu taigh ùr a thog iad faisg air an taigh-sgoile.
Dh'eug Ailig Iain ann an 1980 agus bha Ciorstaidh a' fuireach san taigh an Trosairigh còmhla ri a mac, Alasdair, i an-drà sta 's a-rithist air a gluasad gu bà rdachd le rudan a bha dol sa choimhearsnachd:
B' e naidheachd bhochd bh' air Trosairigh
Dha radain sean is òg,
Nuair thà inig fios on Chomhairle
Gu Ruaraidh Eà rdsaidh Mhòir,
Gu feumadh e bhith sgiobalta
Agus clis a' faighinn dòigh
Na dìgean anns an do rugadh iad
A dhùnadh air an sròin.
Chruinnich iad aig a' gharaids
Gu trom-airtneulach, 's iad fann,
Feuch dè ghabhadh faighinn dhaibh
'S a' bhaile faisg air là imh.
Smaointich iad air demo
Dhèanamh suas 's a-nuas on fhang,
Nan aontaicheadh na coineanaich
Gu jogadh air an ceann.
Thuirt radan mòr, 's e rà naich, dhiubh,
"Mo mhallachd air an lÃ
A lìonadh suas na dìgean
Anns an robh ar sinnsre tà mh;
Tha sinne nis air allaban
Chan fhaigh sinn fois an à it',
Eadar coin is cait is cà raichean
Dè th' ann dhuinn ach am bà s?"
Chaochail Ciorstaidh NicAoidh anns an Iuchar 2001.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.