Òran air a sgrìobhadh le: Ciorstaidh NicAoidh agus air a sheinn le: Aonghas Iain Mac a' Mhaoilein agus Iain Mac a' Ghobhainn (Iain Beag Pà draig Smith).
This is a song written by: Ciorstaidh NicAoidh and sung by: Aonghas Iain Mac a' Mhaoilein and Iain Mac a' Ghobhainn (Iain Beag PÃ draig Smith).
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
O rò illinn ò, gur mis' a tha gun sunnd
O rò illinn ò, gur mis' a tha gun sunnd
O rò illinn ò, gur mis' a tha gun sunnd
'S nach eil an cùrs a ghabh iad
Leis na rations a' tighinn rium.
Thug mi chard dhan Mhuileach
'S mi bha gus bhith air mo dhòigh
On bha mi nam chustomer
O linn a' chiad Rìgh Deòrs';
Chan fhaiceadh e aon dìth orm
Cho fad 's a bhiodh nì na Stòr
Gheibhinn pailteas tì bhuaidh'
Agus cà ise 's ìm gu leòr.
Choinnich mi mar chleachd mi e
An à it' a dhol dhan bhùth;
Ged bha cà ch a' cantainn rium
Nach fhaighinn dad co-dhiù;
Dh'iarr mi cairteal tì air
Cha b' e chleachd mi fhìn ach punnd,
Sheall e orm le mì-chiatadh
Is shìn e là mh dhan chùl.
Fhuair mi thì na dh'iarr mi
Agus seo a bhriathran beòil.
"Nì e cola-deug dhut,
'S ged nach dèan, chan fhaigh thu 'n còrr."
Cha b' fhiach leam cà ise iarraidh air
Ged gheibhinn e le deòin,
Bha cùram orm nach fhaicinn e
'N à m breith air às a dhòrn.
Ach 's ann bha sgeul na tubaist
Nuair a thà inig e Dimà irt,
'S gun bheag no mhòr a labhairt rium
'S ann shìn e dhomh mo chard;
Thuirt e "Faigh fear eile
Bheir nas pailte dhut a là mh;
Chan fhaic thu mi gu sìorraidh
Gus an crìochnaichear am blà r."
Cha b' e sin à m furasta
Mo choupons chuir air dòigh,
A h-uile fear gun tugainn iad
Ag rà dh "Cha ghabh mi 'n còrr.
Tha mi air nas urrainn mi
A tharraing à Tìr-mòr
'S chan eil morsel dhut-s' ann
O nach tug thu trà th do bhòt."
RÃ inig mi Diciadain
Far robh Seumas Sheonaidh Bhà in
Coltas marsant' fialaidh air
'S ann bheirinn dha mo chard;
Thuirt e, "Chan eil sian agam
A dh'òrdaich Dia nan Grà s
Ach Lux is beagan siabainn
Anart-sìolaidh 's leth-chlach ghrà in."
"Nan d' thug thu chard o thoiseach dhomh
Gu faighinn dhut gu leòr,
A chumadh ann an coltas thu
A dh'aindeoin gainn' a' Stòir;
Tha mi 'n-diugh air Gèirinis
A lìonadh leis gach seòrs,
'S gu bheil rian nan Rations
Air mo chiall a chuir an ceò."
Thill mi sìos glè airtneulach
'S mo cheum air fàs cho trom,
Chaidh mi far robh Cailean
'S mi gun srad a thogadh m' fhonn;
Dh'iarr mi ùnns thombac' air
Feuch an sìoladh e mo cheann
'S mi faicinn chuileag uaine
Leum mun cuairt dhìom bhos is thall.
Thuirt e rium, 's e 'g amharc orm,
"Cha bhuin thu dhuinne 'n-drà st'
Chan fhaic mi d' ainm 's na leabhraichean
On dh'fhalbh na seòid dhan bhlà r;
Tha tombac' gu leòr agam
Ìm 's dà sheòrsa cà is;
Ach chan fhaigh thu là n na pìob
O nach do lìbhrig thu do chard."
Bha Iain Ruadh cho duilich
Gun robh h-uile rud cho gann
Gun d' thug Bean Dhòmhnaill Churaidh
Leath' an t-ùnns mu dheireadh ham;
Cha robh iasg no uinnean ann
Neo eadhon crogan jam,
'S nuair thug an Crìosdaidh siùcar dhomh
Gun d' shil mo shùil le taing.
Ach nuair thairg mi chard dha
Chuir e drèin air 's chrath e cheann.
"Ca' eil thu dol an-drà st' leatha
'S gun à it' agam dhith ann?
Chan fhaod mi dad a chlaimadh dhut
'S nach tà inig thu aig à m
Dh'upsetainn na h-arrangements
And the Nation's feeding plan."
Cò thachair rium ach Doddy
'S e air tilleadh às a' bheinn;
E feitheamh sgoth Chlann Chaluim
Feuch an tà inig dad a-raoir;
Bha dùil ris an Dunà ra
'S fhad on dh'fhà g i Tìr nan Gall
Bha smùid an Loch a' Chà rnain
'S ged a bha, cha b' ise bh' ann.
Dh'innis mi fà th mo thurais dha
'S gun robh mo chuairt gun fheum,
Thairg mi dha mo choupons
Ma bha biadh aig air an rèir;
Thuirt e gun robh h-uile rud
"Nas gainn' an-diugh na 'n-dè!"
'S ged dh'fhaodadh e, nach b' urrainn dha,
Nach robh e ann dha fhèin.
"'S ged ghabhainn bhuat an leabhar
Chan eil gonag dhut sa bhùth
Chan fhaigh thu fiu na sausage
On nach d' chùm thu ris na rules;
'S ann dh'fheumas tu addresseadh
Agus registreadh as ùr,
'S nuair gheibh mi cead Lord Woolton
Bheir mi dhut na bhios tu due."
Ged ruiginn Taigh Mhic Cuithein
Cha bhi aig ach an rà n,
"Chan fhaod mi dad a chumail riut
'S e gann gu leòr do chach!"
'S ann chì mi Bean a' Phoileasmain
'S cha bhodraig i ri card
Ach gheibh mi tin "Maconnachaidh"
'S cha do dh'fhiach thu riamh nas fheà rr.
Nuair chuimhnicheas mi m' amaideachd
'S na chuireadh orm de mhaill
An dùil gu faighinn rations
On bha chard agam gun taing;
Nis a' tilleadh dhachaidh
'S mi gun fiù a' sgadain shaillt,
O b' fheà rr gun robh mi 'n-drà st'
Còmhl' ri cà ch 's na Faroe Isles.
O rò illinn ò, gur mis' a tha gun sunnd
O rò illinn ò, gur mis' a tha gun sunnd
O rò illinn ò, gur mis' a tha gun sunnd
'S nach eil an cùrs a ghabh iad
Leis na rations a' tighinn rium.

Rugadh Iain Mac a' Ghobhainn, Iain Beag PÃ draig Smith, anns an Leth Mheadhanaich, Uibhist a Deas, air 5 Gearran, ...
Fiosrachadh air Iain Mac a' Ghobhainn (Iain Beag PÃ draig Smith) / Learn more about Iain Mac a' Ghobhainn (Iain Beag PÃ draig Smith)
Rugadh Aonghas Iain Mac a' Mhaoilein, Aonghas Iain a' Mhuilleir, air 7 Samhain 1918, ann an Lionacleit, ann am Beinn na Fadhla, an dara duine ...
Fiosrachadh air Aonghas Iain Mac a' Mhaoilein / Learn more about Aonghas Iain Mac a' MhaoileinCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.