Rugadh Dòmhnall Caimbeul Mac a' Phearsain (Mac Mhuirich) ann am Both Fhionndain, anns a' Ghleann Ruadh ann an Loch Abar, ann an 1838. Aig aois glè òg nochd e ùidh mhòr ann an litreachas na Gà idhealtachd agus miann ionnsachadh mu dheidhinn. Fhuair e a dheagh theagasg le Seumas Rothach à Cill Mo Naomhaig. Bha e fiosraichte ann an litreachas na Beurla agus eòlach air litreachas na Grèige agus na Ròimh cho math ri Gearmailtis is Fraingis.
Bha Dòmhnall na iar-leabharlannaiche ann an Leabharlann nan Neach-tagraidh ann an Dùn Èideann, an leabharlann aig fir-lagha a' bhaile. Thug seo dha cothrom cumail air le rannsachadh eachdraidheil agus sgoileireachd Gà idhlig. A' rannsachadh anns an tasglann, fhuair e lorg air seann dà in a nochd ann an Leabhar na Fèinne aig I. F. Caimbeul (1872) agus ann an leabhraichean eile.
Bha cruinneachadh sònraichte aige fhèin de leabhraichean Gà idhlig agus bha e na chuideachadh mòr do Chompanaidh MhicLachlainn is Stiùbhart a thaobh nan leabhraichean Gà idhlig a bha iad a' foillseachadh.
Ann an 1868, dh'fhoillsich Dòmhnall fhèin An Duanaire, cruinneachadh de dh'òrain nach robh an clò roimhe, às an sgìre dom buineadh e, agus an seachdamh clò-bhualadh de dhà in Alasdair Mhic Mhaighstir Alasdair, ann an 1874. Bhiodh e a' sgrìobhadh anns An Gà idheal agus anns an Celtic Magazine fon ainm Abrach.
Tha e coltach gu robh an t-Athair Urramach Vaughan, Aba Manachainn agus Colaiste Chille Chuimein dèidheil air Dòmhnall fhaighinn mar Ollamh airson na Colaiste.
B' e duine socair, iriosal a bh' ann agus cha robh duine ach an fheadhainn a bha fìor eòlach air mothachail air a chomasan agus a thà lantan, agus luach is farsaingeachd an obair rannsachaidh a bha e air a dhèanamh.
Chaochail e ann an Dùn Èideann, gu h-aithghearr, air 23 Ògmhìos, 1880.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.