
Rugadh Dòmhnall Iain MacIllEathain, Dòmhnall Iain Sheonaidh Aonghais ann am Beà rnaraigh na Hearadh, air 9 Sultain, 1918, aon de na gillean aig Mòr Alasdair NicPhilip à Beà rnaraigh. Bha còignear anns an teaghlach, dithis nighean agus triùir ghillean.
Chaidh Dòmhnall Iain dhan sgoil ann am Beà rnaraigh agus do dh'Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Chaidh e às an sin do dh'Oilthigh Ghlaschu ach nuair a bha e air an dà rna bliadhna thòisich an cogadh agus chaidh a thogail dhan arm aig aois 21, ged a b' ann gu muir a b' fheà rr leis fhèin a dhol. Cha robh e na shaighdear coise uamhasach fada agus airson a' mhòr-chuid dhen chogadh 's e obair cà radh rèidio ris an robh e.
Thill e a Bheà rnaraigh ann an 1946 agus bha e fhèin agus a bhrà thair, Alasdair, a bha air a bhith anns a' Chabhlaich Rìoghail, ri iasgach ghiomach airson ochd bliadhna.
Bha ùidh mhòr aige anns a' Ghà idhlig agus, nuair a fhuair e an cothrom ann an 1955, chaidh e a dh'obair dhan Chomunn Gà idhealach ann an Inbhir Nis, a' tadhal air meuran a' Chomuinn agus air sgoiltean anns an à ird a tuath.
Ann an 1956 phòs Dòmhnall Iain agus May NicAoidh à Beà rnaraigh agus bha nighean agus dithis ghillean aca. Bha athair May na mhaighstir-sgoile san eilean agus bhuineadh a chuideachd don Scarp. Bhuineadh cuideachd a mà thair do dh'Uibhist a Tuath. Bha brà thair May, Dòmhnall Iain MacAoidh, e fhèin ag obair aig a' Chomunn, na stiùiriche bho 1965 gu 1969.
An dèidh dà bhliadhna aig a' Chomunn Gà idhealach, chaidh Dòmhnall Iain dhan cholaisye a dh'Obar Dheathain airson dreuchd neach-teagaisg teicnigeach ionnsachadh. An dèidh crìoch a chur air a' chùrsa, chaidh e a theagaisg ann am Bogh Mòr an Ìle airson dà bhliadhna.
Fhuair Dòmhnall Iain obair ann an Sgoil a' Phluic ann an 1961, agus dh'fhuirich e an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd, bliadhna neo dhà ron à m à bhaisteach, air sgà th a shlà inte. Nuair a chaidh an teaghlach dhan Phloc bha iad a' fuireach ann a Dùn Creige gus do thog iad taigh ann am Bada Call, faisg air a' Chaol.
Eadar 1983 agus 1985 bha e na sgrìobhaiche ann an Sabhal Mòr Ostaig agus sin far an do thòisich e a' sgrìobhadh an leabhar Bùth Ailig, ag innse mu bheatha air Eilean Bheà rnaraigh ron Dà rna Cogadh. Ged tha e a' toirt iomradh air na bliadhnaichean a bha e san arm, agus ag iasgach ghiomach, tha e gu h-à raidh a' toirt dealbh air Bùth Ailig, à ite cho cudromach 's a bha air an eilean na latha. Nochd an leabhar ann an 1988. Chlà r e cuideachd teip de dh'òrain an eilein, Ã’°ù²¹¾±²Ô Bheà rnaraigh.
Chaochail Dòmhnall Iain air 5 Gearran, 1997, agus tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh Bhaile Mac Ara.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.