Òran air a sgrìobhadh le: Eachann MacFhionghain agus air a sheinn le: Dòmhnall Iain MacIllEathain.
This is a song written by: Eachann MacFhionghain and sung by: Dòmhnall Iain MacIllEathain.
Fhir a shiùbhlas fada tuath don eilean uaine as à ill'
Giùlain mìle beannachd uam far bheil an sluagh a' tà mh;
An spotan sin dhan tug mi gaol 's mi aotrom ann a' fà s,
A' buachailleachd a' chruidh 's nan laogh mun tug mi
sgrìob gu sà l.
An spotan bòidheach còmhnard Borgh le sheamrag gorm a'
fà s
Le mhachraichean 's le raointean feòir bha còmhnard chun
na trà igh;
An t-à ite as fheà rr gu à rach sprèidh a' geumraich feadh
an à it';
O 's tric a thionail mi iad suas don bhuaile len cuid à l.
Ged 's creagach cruaidh an ceann a tuath, tha buaireadh
ann gu fà s
Is tric a chuir e mach a phòr le eòrna is buntà t';
Tha 'n t-iasgair ann 's gur math a dhòigh a' toirt a lòn
thar sà il
Len eathraichean 's iad a-muigh fon seòl 's na
seòladairean as fheà rr.
Tha lochan còmhnard là n den iasg ag iadhadh ann gun tà mh
Gheibhear ann iad leis an riasg gam biathadh chun an
tà bh;
Bha 'n giomach pailt sa linne riamh le cliabh ga thoirt Ã
cà rn
Na boghanan far am b' eòlach Niall on liath e ris a'
cheà ird.
An t-eilean maiseach, fallain, buan, tha fuarain ann as
fheà rr
Lem biolaire tha daonnan uain' rim bruaicheannan a' fà s;
An t-uisge prìseil, frìtheil, fuar, gach à m 's gach uair
don lÃ
Toirt fallaineachd nach ceannaich luach dhan t-sluagh tha
ann a' tà mh.
Leathad Iolaraigh bho linn gu linn gun dìobradh air 's e
là n
Cùl a' Bheithir 's fear na Crìch 's a-chaoidh cha tèid
iad trà ight';
Fear na Cà baig ann am Brùsd' ri chunntas am measg chà ich
'S tha tobar maiseach anns a' Chidh' nach diochuimhnich
mo dhà n.
Nuair thig an geamhradh oirnn mun cuairt bidh an
tuathanach air dòigh
Bidh cèilidhean am measg an t-sluaigh le gillean uasal,
còir;
Bidh maighdeannan a' tighinn a luadh is fuaim ac' air a'
chlò
Is tric a dh'èist mi rin cuid duan a' luadh am Poll an
Ã’ir.
'S e mo dhùrachd fhèin bhith ann 's b' e annsachd bhith
nan còir
'S an eilean bhòidheach ghreannmhor nuair thig an
samhradh oirnn
Bidh fuaim is crònan aig gach allt 's a' cheann a' ruith
dhan òs
'S tha cluich is òrain, ceòl is danns' sa ghleann san
robh mi òg.

Rugadh Dòmhnall Iain MacIllEathain, Dòmhnall Iain Sheonaidh Aonghais ann am Beà rnaraigh na Hearadh, air 9 Sultain, 1918, aon de na gillean aig Mòr Alasdair NicPhilip ...
Fiosrachadh air Dòmhnall Iain MacIllEathain / Learn more about Dòmhnall Iain MacIllEathainÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.